Tar-sgr矛obhadh: An Claigeann aig Damien Hirst
Bhruidhinn iad air ais ’s air adhart, mar a bha dol do Mhargaidh nan Earrannan; mar a bha saoghal nam poilitigs agus dè bha tachairt ann an saoghal nan ealan agus mar sin air adhart.
“’S ann nas miosa tha na h-ealain a’ dol,” ars am Morair agus a lip a’ tuiteam. “Am faca tu an claigeann uabhasach a bha siud le Damien Hirst?”
“Chan fhaca,” dh’aidich Slim, “ach tha mi eòlach air cuid dhen ealain eile a rinn e, a’ chaora ann a’ formaldehyde agus an cearban cuideachd. Nach do chosg an cearban sia mìle not? Chaidh breith air le iasgair proifeiseanta à Astràilia. ‘The Physical Impossibility of Death in the Mind of Someone Living’, nach e sin an t-ainm a thug e air.”
Bha drèin air a’ Mhorair. “By Jove, tha mi coma mun ainm, ach a bheil thu fhèin a’ smaoineachadh gur e ealain a th’ ann an sgudal mar siud? Dh’fhaodadh duine sam bith siud a dhèanamh, beathach a chur ann a formaldehyde.”
Dh’fhàs Slim mì-fhoighidneach. “Ach bha thu dol a dh’innse dhomh mun chlaigeann.”
“O, bha. An claigeann, air a dhèanamh de phlatinum, air a chòmhdach le ochd mìle, sia ceud agus aon daoimean ’s iad a’ cosg mu chòig millean deug not – nach eil sin mì-chiatach?”
Bha a’ chùis a’ tòiseachadh a’ còrdadh ri Slim. “Chan eil an cnàimh fhèin ann, ach dìreach am platinum.”
“Tha sin ceart,” dh’aontaich am Morair. “Chaidh a chumadh ’s a chruthachadh bho chlaigeann duine bhon ochdamh linn deug. Ach èist ri seo, tha fiaclan an duine anns a’ chlaigeann a tha sin; fiaclan mòra, geal, grànda, agus am beul fosgailte ann an craos gàire agus na sùilean mòr, dubh agus falamh. Tha mi ’g ràdh riut, chuireadh e gaoir tromhad.”