Main content

Tar-sgr矛obhadh: Sgeulachd Beatha

Joe MacNèill

Joe: Bha sinn ann am Barrie, taobh a tuath Toronto, mar a bha mi ag ràdh airson còig bliadhna. Agus fhuair mi an uair sin fiachadh ann am meadhan ’85 a dhol a Lunainn, Ontario, taobh a deas Toronto son còig bliadhna. Àite brèagha, brèagha cuideachd a th’ ann an Lunainn a tha dìreach mar a thuirt mi taobh an iar Toronto. Is e companaidh Bhreatannach a bh’ annta.

Bha mi toilichte a dhol còmhla riutha a thaobh dheighinn dhachaigh na bu trice an uair sin.

Maureen: Cò ris a bha sin coltach ma-thà, a bhith a’ dol dhachaigh aig an àm a bha sin? An robh e a’ còrdadh ribh a bhith a’ dol gu ruige Barraigh?

Joe: Bha gu dearbh air tàilleibh bha nòisean riamh agam do Bharraigh agus mar a bha mi ag ràdh riut, cha robh latha a dhùisginn nach bithinn a’ smaointinn. Bha mi ag ionndrainn Bharraigh ged a bha fhios a’m cuideachd gum feumainn a dhol air feadh an t-saoghail airson obair fhaighinn, coltach ri gu leòr anns na h-Eileanan agus à ceann an iar Alba, b’ fheudar dhuinn falbh. Cha robh an obair ann dhuinn. So b’ fheudar dhuinn falbh. Is bhithinn daonnan ag ionndrainn Bharraigh fad an t-siubhail agus mar a thuirt faclan an òrain:

A h-uile madainn a nì mi dùsgadh
Gur e mo dhùrachd a’ tilleadh ann
Chan fhaod mi feuchainn a chur à dìochuimhn’
’S mo chridhe a’ caoineadh ag iarraidh ann.

Sin mar a bha mise. Cha robh madainn a dhuisginn nach bithinn ag iarraidh dhachaigh. Chaidh mi an uair sin gu ruige Lunnainn còmhla ris a’ chompanaidh Bhreatannach a bha siud ach bhithinn a-null is a-nall a Bhreatann gu math tric.

Agus a h-uile turas a gheibhinn, leumainn air a’ phlèana suas gu ruige Barraigh.