Main content

Tar-sgr矛obhadh: S脿r Chl脿r

Cathy NicIain a’ còmhradh ri Patsi NicChoinnich

Patsi: Innsibh dhuinn dè an ceangal a tha sibh fhèin a’ cumail ri Ìle anns an latha a th’ ann bhon tha sibh air a bhith bliadhnaichean mòra air tìr-mòr. A bheil sin a’ dèanamh diofar? Tha e follaiseach nach eil!

Cathy: Tha mi a’ dol dhachaigh a dh’Ìle bitheanta, bitheanta. Chùm mi taigh m’ athair agus tha sinn an dèidh ùrachadh a dhèanadh air. So bidh sinn a’ dol dhachaigh is tha...

Patsi: Is tha sin a’ ciallachadh an t-uabhas, nach eil?

Cathy: Tha, tha. Agus tha mo nighean agus an duine aice agus na h-oghaichean agam a’ dol dhachaigh cuideachd is tha sin math dhaibhsan. Is tha e math dhòmhsa gu bheil ùidh aca a’ dol dhachaigh a dh’Ìle. Agus tha mi, tha mi ag obair aig a’.. tha colaist’ beag againn. Uill, ’s e centre a th’ aca air ach tha a h-uile duine an Ìle ag ràdh colaist’. So tha mi a’ dèanamh beagan obair gan cuideachadh o chionn tha, tha e cudromach dhomh gum bi Gàidhlig ann an Ìle agus o chionn tha mòran dhaoine a’ tighinn a-staigh a dh’ Ìle a-nis gun Gàidhlig is gun tuigse Gàidhlig is tha e cudromach dhòmhsa gun dèan mi rudeigin a chuidicheadh a’ chànain againn fhèin.