Main content

Tar-sgr矛obhadh: Siubhal gu Seachd

Le Niall Iain Dòmhnallach

Niall Iain: St. Jakob-Park, sin far a bheil an geama eadar Liverpool agus Sevilla, an cuairt dheireannach de chupa Eòrpa, er Europa, a’ tachairt a-nochd sin anns an Eilbheis, agus sin far a bheil FC Basle, no Basel, a’ cluich.

Bha mi anns a’ bhaile sin an-uiridh – mun àm seo an-uiridh, cha mhòr – bha mi air chuairt air mo bhaidhsagal air feadh na Roinn Eòrpa agus chaidh mi tron Eilbheis agus ’s e dùthaich uabhasach laghach, uabhasach glan a th’ ann, feumaidh mi ràdh, ach Basle, Basel, àite laghach a bh’ ann cuideachd. Co-dhiù, cumaidh sinn sùil air a’ ghèam’ a tha sin – uill cha chum sinn sùil air, air sgàth ’s bidh sinn far an àidhear nuair a thòisicheas e – tha e a’ tòiseachadh aig cairteal gu h-ochd.

Latha rudeigin riaslach air a bhith agamsa, ma dh’fhaoidte gu bheil sibh ag aithneachadh sin – dìreach rudan beaga bìodach a’ cur dragh orm tron latha, eil fhios agad? A’ dràibheadh is tha daoine anns an rathad ort agus bha mi aig toll anns a’ bhalla a’ faighinn airgead a-mach às a’ bhanca, ’s bha fear air mo bheulaibh. Tha mi smaointinn gu robh e a’ cleachdadh a h-uile goireas a bha ri fhaighinn air an inneal a bha sin, eil fhios agad?

Bha e a’ faighinn cunntas, bha e a’ toirt sùil air na h-accounts eadar-dhealaichte, bha e dìreach a’ bruthadh nam putan fad na h-ùine; chan fhaod thu sin a dhèanamh. Ma tha thu a’ dol chun an toll anns a’ bhalla, no fiù ’s a bhith coimhead a bheil airgead agad ann, tha thu dìreach a’ bruthadh nam putan ’s an uair sin, ma chluinneas tu rrrrrrrrrr – deagh nàidheachd! Thoir leat d’ airgead agus a-mach à seo leat – ’s ann mar sin a tha e ag obair, tha mi toilichte a ràdh. Sin tha mise a’ dèanamh, co-dhiù. Gu mì-fhortanach, chan ann tric na làithean-sa tha mi cluinntinn rrrrrrr, ach co-dhiù, cumaidh mi orm a’ feuchainn.