Main content

Tar-sgr矛obhadh: Deas gu Antarctica

'S e pàirt de na South Shetlands a tha seo. ‘S ann air Elephant Island a dh’fhàg Shackleton còrr is fichead dhen a' luchd-obrach, dhen a' chrew aige, agus chaith esan ceithir mìosan aig Point Wild air Elephant Island.

Nis' chan eil càil air fhàgail dhen a' champ' aca – tha am muir air falbh leis a h-uile càil ‘s na glaciers air falbh leis a h-uile càil. Chan fhaic thu far an robh iad ach dìreach gu bheil bust beag den phìleat a thàinig gan sàbhaladh às dèidh na ceithir mìosan, 's e sin pìleat Louis Pardeaux, 's e an Captain a bh' air a' Yelko, ‘s ann à Chile a bha esan.

Agus an latha sin às dèidh dhuinn dìreach a bhith a' coimhead am pìos talamh seo, chaidh sinn timcheall air Elephant Island anns na Zodiacs, dìreach a' toirt sùil air Elephant Island, agus bha chin-strap penguins, tha iad sin brèagha dha-rìribh, tha iad dìreach mar a tha an ainm a' cantainn, tha rud dubh timcheall orr’ shaoileadh tu gur e helmet a bh' orr' agus chunnaic sinn airson a’ chiad uair, leopard seals – o tha iad sin a’ coimhead uabhasach, ’s bidh iad a’ feitheamh dìreach anns an uisge gun tig na penguins, gum feuch iad a dhol dhan a’ mhuir airson lorg biadh no nuair a bhios iad a’ tighinn às a' mhuir agus a' dol air tìr, 's bidh na leopard seals gan ithe an uair sin.