Tar-sgr矛obhadh: Clann-nighean Ostail Phort R矛gh
Ailean Caimbeul a’ bruidhinn ri Catrìona Fhriseal
Ailean: ’S tric a bhios mi smaoineachadh, fhios agad, ’s e uallach mhòr a bh’ air na daoine sin, in loco parentis, mar gum biodh, agus ’s e obair gu math doirbh a th’ ann, saoilidh mi, a bhith a’ gabhail uallach airson uibhir sin de chlann.
Catrìona: Uill tha fios gur e. Agus tha mi creidsinn gur e sin bu choireach gu robh na riaghailtean cho teann. Dh’fhaodamaid a dhol sìos am baile às dèidh na sgoile. Ach aon uair ’s gu robh sinne a-staigh aig leth-uair an dèidh còig, cha robh sinne a’ faighinn a-mach tuilleadh. Mar a bha hostel nan gillean, bha raon-cluich na sgoile acasan. Ach cha robh sìon dhe sin againne. Bha sinn air ar cuingealachadh gu mòr mar sin.
Gheibheamaid dha na pictures Oidhche Disathairne. Agus corra uair, bhiodh – chan eil fhiosam dè an t-àm dhen bhliadhna a bh’ ann, an ann as t-fhoghar a bhiodh ann no anns a’ gheamhradh, bhiodh Perth Theatre Company a' tighinn dhan Eilean Sgitheanach, ’s bhiodh iad trì oidhche anns an Drill Hall, agus bha e ceadaichte dhuinn a dhol gu sin. Bhiodh iad a’ dèanamh dealbhan-cluich mar a bha Robert Browning ’s rudan mar sin, ’s tha mi a’ creidsinn gu robh iad a’ faicinn sin mar...
Ailean: Foghlam?
Catrìona: Seadh! Foghlam! ’S bha sinn... gheibheamaid thuige sin.
Ailean: Bhiodh mòran a’ falbh chun na pictures ann a shin agus ’s ann an sin a bhiodh a’ chiad suirghe a’ tòiseachadh?
Catrìona: ’S ann, ’s ann, cùl an Drill Hall! Nuair a chìtheadh tu feadhainn a’ dèanamh air cùl an Drill Hall, bha fhios agad carson!