Main content

Tar-sgr矛obhadh: Tiugainn a Dhannsa

Ailean Caimbeul ann an còmhradh le Anna Michie

Ailean Caimbeul: Buinidh an tè a tha air aoigheachd air prògram na seachdain an seo bho thùs dha baile beag na Gnìopa faisg air Ròdhag san Eilean Sgitheanach, agus dha teaghlach a bha is a tha fhathast cliùiteach ann an saoghal ciùil is dualchas na Gàidhlig. B’ e Anna Chaimbeul a bh’ innte mun do phòs i, agus ri linn a’ phòsaidh, ’s e Anna Michie a th’ oirre a-nist’.

Ach b’ e Anna Chaluim Sheumais, neo dìreach Anna na Gnìopa, a bh’ aig daoine oirre na h-òige. An-diugh a’ fuireach ann an Inbhir Nis, dh’inns’ Anna dhomh mun a’ chiad dannsa air a bheil cuimhne aice.

Anna Michie: A’ chiad danns’ a tha cuimhn’ agams’ air Ailean, tha mi a’ creidsinn gun robh mi, gun robh mi ceithir bliadhn’ deug. Agus, bha an cogadh a’ dol an uair sin. Agus, bhiodh iad a’ cur dannsaichean air adhart airson airgead a thogail dha na saighdearan. Agus bha peathraichean m’ athair aig an taigh an turas seo, agus bha danns’ ann an Ceann an t-Sàile. Bha talla beag ann a shin, is fhuair mi fhìn is Màiri mo phiuthar cead a dhol còmhla riutha. Agus am band a bh’ ann, ’s e bodach a bha a’ fuireach faisg air an talla le melodeon, agus gu dearbh bha e math!

Ailean Caimbeul: Cha robh ceòl ann ach am melodeon fhèin, leis fhèin?

Anna Michie: Cha robh sìon ann ach am melodeon, agus bha e dìreach air leth.

Ailean Caimbeul: Nise, bidh mi a’ bruidhinn ri tòrr dhaoine mun leithid seo Annag, agus bidh mi a’ gabhail iongnadh as an t-saoghal anns a bheil sinn beò an-diugh, cha dèan còmhlan-ciùil sgath gun amplifiers is speakers is gleadhraich is fuaim. Ciamar a bha daoine a’ dèanamh a’ chùis, luchd-cluiche, chuimhne agad air ais an uair sin chun a - leithid an dannsa a bha sin ann an Ceann an t-Sàile. An robh sibh a’ cluinntinn a’ chiùil a dh’aindeoin an t-shluagh a’ dannsa?

Anna Michie: Bha. Cha robh leithid an rud le maic a’ dol idir, idir, ach bha sinn a’ cluinnteil a’ chiùil, agus bha an dannsa dìreach mìorbhaileach math. Chan fhaca mise dannsa ri, far an robh buidheann le microphones is a h-uile rud eile gus an d’ rinn mi a-nuas a Dhùn Èideann.