Main content

Tar-sgr矛obhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Seachdain no dhà às dèidh a’ chòmhraidh san Athenaeum, fhuair e teachdaireachd fòn bho aon den luchd-gnothaich a bhiodh a’ dèanamh reic is ceannach dha. Bhiodh an claigeann ga reic ann an Sotheby’s ann an latha no dhà agus bha dùil gun cosgadh e co-dhiù leth-cheud millean not. An robh e ag iarraidh dèiligeadh ann am prìsean cho àrd? Rinn Slim soilleir dha gu robh. Dè bh’ ann an leth-cheud millean not ach airgead pòcaid do dhuine coltach ris-san.

An latha às dèidh dha a bhith a’ bruidhinn ris a’ Mhorair Merr, bha e air an claigeann fhaicinn, agus thug e buaidh mhòr air. Cha b’ e gun robh e giseagach ann an dòigh sam bith. Air a chaochladh, cha robh saobh-chràbhadh a’ tighinn faisg air a nàdar. Cha b’ e idir. B’ e bha ann gur ann le Damien Hirst a bha an claigeann, gur e esan a dhealbh e – fear-ealain cho ainmeil, no cho droch-chliùiteach, ’s a bha san t-saoghal. Dè an diofar, fhad ’s a ghleidheadh an claigeann a luach. Agus bha e cinnteach às gun gleidheadh.

Bha daoine ag ràdh nach robh ann ach bling-bling, ach cha b’ e. Nach robh na fiaclan cho fìor ’s a ghabhadh fiaclan a bhith. Bhuineadh iad do dhuine a bha a’ coiseachd air an talamh uaireigin, duine coltach ris fhèin, agus a-nis bha iad cho stàiteil, urramach, cuairtichte le daoimeanan drileanach, geala, deàlrach.

Bha e air a’ fòn a-rithist agus Mìcheal, am fear-dèiligidh aige, ann an Sotheby’s air a’ fòn-làimhe. Chaidh a’ phrìs os cionn leth-cheud millean, ach thuirt e ris cumail air. Cha robh airgead a’ dol a chur stad air. Chaidh an tairgse san rup suas gu leth-cheud millean ’s a còig, ach cha robh sin gu diofar. Fhuair e an claigeann. ’S ann leis-san a bha e a-nis.