Tar-sgr矛obhadh: L脿ithean Geala 15
Turas Cabhagach
“O, nach iongantach gu feumadh siud tachairt an-dràsta”, arsa Calum, agus dòrn a bhus air, “dìreach an uair bu mhotha a bha mo chabhag!”
“Tha thu fhèin a’ bòstadh, agus a’ dèanamh uaill gun sgur gu bheil thu cho math gu èirigh anns a’ mhadainn”, arsa Màiri; “nan robh thu air èirigh an uair a bha còir agad an-diugh, cha ruigeadh tu leas tarraing cho cruaidh a thoirt air do bharrallan. Is beag an t-iongnadh ged a bhriseadh tu iad, agus is math an airidh.”
Bha Calum bochd bog, balbh, sàmhach. Bha làn fhios aige nach robh math dha facal a ràdh, seach gun d’fhuair Màiri seo air. Is ann a bha e dìreach air a mhaslachadh agus air a thàmailteachadh gu robh Màiri air a cois cho tràth, agus e fhèin is srann aige gu deich uairean.
“Leig thusa leis, a Mhàiri”, ars an athair, “nam bitheadh fhios agad cho trang ’s a bha Calum fad an latha an-dè, a’ ruith nan caorach agus gan rùsgadh, cha ghabhadh tu iongnadh ged a bhitheadh e sgìth an-diugh, agus ged a bhiodh feum aige air barrachd cadail. Chan eil ann ach Didòmhnaich co-dhiù, agus chan eil dad aige ri dhèanamh an-diugh ach a dhol don eaglais.”
“Is fheàrr dha sgoinn a chur air, ma-tà”, arsa Màiri, “air neo cha chluinn e searmon an-diugh. Tha e leth-uair an dèidh deich, agus tha an eaglais a’ dol a-steach aig aon uair deug.”
Bha Màiri dìreach air a làn dòigh gun d’fhuair i an cothrom seo air spòrs a dhèanamh air Calum bochd, ach cha b’ fhada gus an do ghabh i truas ris. Bha esan a’ rùrach a-staigh fon bheingidh, feuch am faigheadh e barrall eile a chuireadh e na bhròig. Rug ise air tè de na brògan aice fhèin, agus spìon i aiste am barrall.
“Siud agad fear, a Chaluim”, ars ise, agus i dèanamh lasgan gàire," math an aghaidh an uilc. Cha toireadh tu fhèin dhomhsa fear ged thigeadh orm sreang gheal a chur nam bhròig!”
Cabhag ann no cabhag às, cha b’ e teaghlach Sheumais an fheadhainn mu dheireadh a ràinig an eaglais an latha ud. Bha e dìreach còig mionaidean gu aon uair deug an uair a chaidh iad a-steach air an doras mhòr. Chuir Seumas an triùir eile a-steach roimhe, agus shuidh e fhèin aig ceann an t-suidheachain, mu mheadhan na h-eaglaise, agus mu choinneamh na cùbaid.
A. Cha ruig thusa a leas cabhag idir a bhith ort fhad ’s a bhitheas tu a’ freagairt nan ceistean seo - is ann as fheàrr a nì thu iad:
1. Dè an t-ainm eile a tha againn air Didòmhnaich?
2. Càit an robh Calum a’ dol an latha seo?
3. Cò bha a’ dol còmhla ris?
4. Cò bhitheas a’ dol còmhla riutsa an uair a bhitheas tu a’ dol an seo?
5. Cuin a ràinig iad an t-àite seo?
6. Dè dh’fhàg Calum cho fada gun èirigh?
7. Carson a dh’fheumadh e sgoinn a chur air?
8. Carson nach robh Calum air a dhòigh?
9. Ciamar a thachair seo?
10. Dè am beachd a bha aig Màiri air a’ ghnothach?
11. Carson a bha ise mar seo?
12. Càit an robh Calum a’ lorg an rud a bha dhìth air?
13. Càit an d’fhuair e seo mu dheireadh?
14. Càit an do shuidh Seumas?
15. Càit am bi thusa a’ suidhe anns an eaglais?
16. Cuin a bhitheas tu a’ falbh innte?
17. Cuin a bhitheas tu a’ tilleadh aiste?
18. Càit a bheil i?
19. Cia mheud doras agus uinneag a tha oirre?
20. Saoil cia mheud suidheachan a tha innte?
B. Bi air leth faiceallach fhad ’s a bhitheas tu a’ sgrìobhadh nan sreathan seo. Chan e nach eil thusa daonnan mar sin, ach cuimhnich gu bheil cuid de na facail a tha thu dol a chur am feum gu math meallta!
1. Tha e ann an Glaschu an-dràsta, ach .... e dhachaidh aig Nollaig.
2. Tha a phiuthar aig an taigh, ach .... i don Òban as t-samhradh.
3. “.... thu null air an fhadhail, agus .... thu sin.
4. .... dhomh an t-airgead ’s gun .... mi don bhùthaidh.
5. Ma .... mi dhut an t-airgead, an .... thu a cheannach an arain?
6. Ma .... thu do dhìcheall, molaidh a h-uile duine thu.
7. Cò tha dol a dhèanamh sin dhut? Chan eil duine, .... mi fhèin e, .... agam air math gu leòr.
8. “Teann a-nall ’s .... dhomh do làmh, is .... mi sgrìob a dh’Uibhist leat.”
9. Ma .... mi don sgoil, .... mi leam mo leabhraichean.
10. .... thusa leat còta Dhòmhnaill, agus .... mise am fear seo dhàsan.
11. Bha e còig mionaidean gu aon uair deug an uair a .... iad an eaglais.
12. An uair a .... sinn an eaglais am màireach, .... sinn a-steach innte.
C. Sgrìobh a-nis iomradh goirid mu na bha thu fhèin a’ dèanamh Didòmhnaich-sa chaidh, cuin a dh’èirich thu, dè an t-aodach a chur thu ort, cuin a ghabh thu do bhracaist, cuin a chaidh thu don eaglais, cò chaidh còmhla riut, cò a chunnaic thu, cuin a ghabh thu do dhìnneir agus mar sin.