Main content

Tar-sgr矛obhadh: Fianais

Iain Moireasdan a’ còmhradh ri Joe MacNèill

Iain: A-nist’, dè dh’fhàg ann an Iran an toiseach thu aig an àm seo?

Joe: Dè chuir ann mi?

Iain : Sin agad e.

Joe: Chuir m’ obair – bha mi ag obair aig companaidh Aimeireaganach, a’ dèanamh tyres, General Tyre, agus bha iad ag iarraidh cuideigin ri Accountancy is Finance a ruith thall ann a shiudach ’s bha mise ag obair còmhla riutha aig an àm agus sin far an deach mi. Chaidh mi null gu ruige Tehran ann an naoi ceud deug, trì fichead ’s a còig deug.

Iain: Agus dè thug ort taghadh a dhol an sin? Chan e seòrsa àite a th’ ann, a tha thu smaoineachadh, ma tha cothrom agad a dhol a dh’àite sam bith san t-saoghal, gun deigheadh tu a Tehran - gu sònraichte an-diugh cò-dhiù.

Joe: Aig an àm ud, bha Tehran uabhasach fhèin math. Chan urrainn dhomh – aig an àm ud, cha b’ urrainn dhomh sgath a ràdh ma dheidhinn. Ach carson a dh’fhalbh mi? Dh’fhalbh mi oir cha robh mòran obair ann an Alba aig an àm, dhòmhsa. ’S e chartered accountant a bh’ annam agus bha na h-uiread a’ dol an seo mu chuairt Ghlaschu. Bha na h-àiteachan a’ dùnadh air fad is cha robh an cothrom agam ann an seo a gheibhinn ann an àite eile.