Tar-sgr矛obhadh: Caithream Ci霉il
Le Seonag Monk
Seonag: ’S toil leam fhìn tractaran, rudeigin mun deidhinn a tha uabhasach fhèin tlachdail. Tractar, bha m’ athair, oh bha m’ athair cho keen, cho keen air tractaran, co-dhiù!
Fergies an fheadhainn ghlasa. Bha e a’ faighinn a cheart uimhir de mhoit ’s de thlachd às an tractar ghlas a bha sin ’s a bhios daoine beairteach a’ faighinn à Aston Martins no Porsches no càraichean dhen t-seòrsa. Agus, bhiodh mamaidh a’ falbh air an tractar na suidhe air a’ mhudcart. A’ falbh dhan bhùth, a’ suidhe air a’ mhudcart! Bhitheadh agus sinn fhèin cuideachd a’ falbh air an tractar còmhla ris. Nach iongantach an saoghal mar a bha e an uair ud?
Agus nan deidheadh sìon ceàrr air an tractar, uill, deireadh an t-saoghail, ’s e a bhiodh ann an uair sin nam bristeadh sìon air an tractar. Bhiodh e a’ tighinn a-staigh is ga chaitheamh fhèin air a’ bheinge is cuir a’ churrac ma aodann. Is ghabhadh an uair sin mamaidh an caoch, "Aww, mhic na mi-shealbh, èirich a-mach às an sin!"
Bha iad cho èibhinn an dithis aca, beò nam aisling. Tha e èibhinn, chì thu nad aisling an dithis aca agus a’ faireachdainn ’s an toileachadh a bheir sin dhut. Nach toir, nuair a chì thu nad aisling na daoine a tha air falbh. Tha e a’ toirt faochadh air dhòigheigin nach eil?