Main content

Tar-sgr矛obhadh: Tro Sh霉ilean Chathy

Cairistiona Stone

Cò a shaoileadh gum biodh ise san t-suidheachadh eagallach san robh i? Fad an cùlaibh a h-inntinn, glaist’ air falbh bho aire dhaoine, bha Cathy eile – tè le beatha shìtheil, òrdail, glan; beath’ far an robh dùsgadh, obair agus cadal. Far an robh èirigh, anail shocrach agus laighe. Gu cùramach, rùisg i air falbh gach smuain, ag òl a-steach an cofhurtachd a thàinig an cois gach cuimhneachan air mar a bha.

“A Chathy! Tha thìd’ agad èirigh! Deichnear às ùire air a thighinn a-steach tron oidhch’; seachdnar gun a bhith ro dhona, ach tha triùir ann an droch staid. Aon a-nis gun chas, fear eile air a dhroch leòn mun cheann, san treas fear; beò air èiginn. ’S fheàrr dhut a dhol suas thucasan an toiseach. Tha Bella agus Ceit shuas mar-thà, air a bhith air an cois fad na h-oidhche, gan cumail cho cofhurtail ’s a ghabhas. Siuthad a Chathy – èirich!”

Ged a chual’ Cathy gach facal, bha gràin oirre èirigh. Gràin cas a chur gu talamh fuar, neo-thaitneach. Ach shocraich a h-inntinn air an triùir a bha ann an èiginn ’s bha an eisimeil cùraim agus cobhair.