Main content

Tar-sgr矛obhadh: Smuain na Maidne

Donna: Tha sinn uile eòlach air na sanasan-reic airson gach potion is lotion ùr a th’ ann airson ar craiceann a chumail òg agus bòidheach. Tha iomadach duine againn air an glacadh le na sanasan-reic soirbheachail a bheireas oirnn gach nì mar seo a cheannach. ’S ann an-còmhnaidh airson taobh a-muigh ar corp a tha na sanasan-reic mar as trice. Cha chluinn sinn guth mun taobh a-staigh. Tha an taobh a-muigh ri fhaicinn, ach tha an taobh a-staigh neo-fhaicsinneach. Chan eil ar taobh a-muigh ach airson ùine ghoirid, ach tha ar taobh a-staigh ann gu sìorraidh. Tha dotairean ag innse dhuinn às dèidh aois aon air fhichead gu bheil ar cnàmhan a’ fàs pronn agus ar craiceann a’ fàs aosta. An dèidh aois trithead, tha iad ag innse dhuinn gu bheil sinn a’ call mìltean de cells eanchainn gach latha. Tha sinn cuideachd a’ cur oirnn cuideam ann an diofar àitean de ar corp nach robh mar tha. Faodaidh sinn aois a shabaid ach cha bhuannaich sinn. Faodaidh sinn airgead agus tìde a chaitheamh air ar taobh a-muigh le eacarsaich, botox, tucks, lifts, tans is gach dòigh eile, ach mar a chluinneas sinn gu tric, cha tig an aois leatha fhèin, as bith dè nì sinn, neo dè an airgead a chaitheas sinn. Tha iomadh slat-tomhais againn airson ar taobh a-muigh, scales agus sgàthanan is eile. Ach, dè an slat-tomhais a th’ againn airson ar taobh a-staigh? An taobh as cudromaiche?