Tar-sgr矛obhadh: Dearg Amaideas
Sìneag NicFhionghain agus Mòrag NicNèill
Sìneag: A’ bruidhinn air gruag bàn, tha cuimhn’ a’m mo mhàthair-cèile ag innse dhomh nuair a dh’fhalbh an duin’ agam gu muir. Nise, nuair a bha e beag, chunna mi fhìn na dealbhan air fad, is e bàn, bàn .... ’s ann a bha e. Chaidh e gu muir, ’s bha e an dèidh a bhith air falbh cha mhòr bliadhna, a’ tilleadh dhachaigh. Thàinig e dhachaigh an oidhche sin ... ach a m’ eudail, cha robh Eachann buidhe tuilleadh, cha robh Eachann bàn. Bha e cho dubh ris an fhitheach!
Thionndaidh a phiuthar ’s thuirt i, “Chan e siud am fear a bha mise ag iarraidh idir!” Bha dùil aice gur e am fear ceàrr a thàinig dhachaigh! Bha e thall anns na h-Innsean thall ’s bha e thall ann an Aimeireagaidh ’s feumaidh gur e obair na grèine no rudeigin...
Mòrag: Tha a’ chlann agamsa, nuair a bha iad trì ’s ceithir ’s còig bliadhna a dh’aois, bha iad uabhasach bàn. Ach dh’fhàs am falt aca an uair sin gu math dorcha. Ach na dhèidh sin a-nist’, as t-samhradh, 's nuair a thig iad a-mach dhan ghrèin, chì thu na pìosan bàna sin a’ tilleadh dhan ghruag aca.