Main content

Tar-sgr矛obhadh: Dotair a' Chamara

Paul MacCaluim: Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na deilbh a tha seo air rud a dhùsgadh anns a’ ghinealach òg air sàillibh, tha ceangal aca ris na deilbh. Tha ceangal pearsanta aca. Chan e rud, dealbh a chitheadh tu neo a cheannaicheadh tu ann am bùth idir a th’ ann. Ach, na sinnsireachd aca fhèin neo na nàbaidhean, agus mar a thuirt mi roimhe, na dòigh-beatha a bh’ aca. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin air am brosnachadh gu ùidh a ghabhail as an dualchas aca fhèin. Agus a bharrachd air sin, agus rud a tha gu math cudromach do sheann daoine a thuigsinn, cho cudromach ’s a tha na media sòisealta, agus am feum a tha e a’ dèanamh. Tha e a’ toirt guth dhan òigridh, far nach toireadh leabhar guth idir dhaibh. Agus, tha iad fhèin airson a dhèanamh cìnnteach gu bheil na h-ainmeanan is na h-àiteachan, gu bheil iad ceart. Agus tha iad a-nis, mar a thuirt mi tro media sòisealta, tha iad a-nis air tòiseachadh bruidhinn rim pàrantan mu dheidhinn na seann chleachdaidhean agus na seann daoine, rud nach dèanadh iad mura b’ e na media sòisealta, agus mura b’ e an lighiche Robertson.