Main content

Tar-sgr矛obhadh: Leugh Mi

Joy Dunlop a’ còmhradh ri Anna KC NicLeòid

Anna: Joy, thogadh tusa ann an Earra-Ghàidheal. Cha robh leabharlann faisg ort. Dè bhiodh tu a’ dèanamh son leabhraichean fhaighinn?

Joy: Uill bha leabharlann anns an Òban ach cuideachd bha bhana ann a bha a’ dol timcheall nam bailtean beaga is mar sin, gach, tha mi a’ smaoineachadh gach dàrna seachdain, bha an leabharlann a’ tighinn timcheall agus gheibhinn-sa ultach leabhraichean bhon a' leabharlann is bheirinn dhachaigh leams' iad is dìreach leughainn cha mhòr bho cheann gu ceann iad. Is an uair sin, leigeadh iad leam na ficheadan a ghabhail aig an aon àm nuair a bha mi ag iarraidh sin. ’S e...tha mi cinnteach gur e sin a phiobraich mi airson a bhith mar a tha mi an-dràsta a thaobh leughadh.

Anna: Is dè bhiodh tu a’ toirt leat?

Joy: A h-uile rud agus bha mi gu math seòlta cuideachd. Bha iomadh seòrsa leabhar anns a’ bhana agus bha fhios a’m nach robh mo mhàthair uabhasach dèidheil air na cuspairean a bh’ ann an cuid dhiubh is bhithinn-sa gam falach anns a’ mheadhan is chuirinn-sa an fheadhainn mhath aig an toiseach is an uair sin an fheadhainn caran drabasta sa mheadhan, agus an uair sin, bhithinn a’ falach... gam falach mar gum biodh anns a’ mheadhan agus gan leughadh aig an taigh.