Main content

Tar-sgr矛obhadh: Na Hearadh

Christine NicLeòid: Chan eil mòran cho eòlach air Losgaintir neo cho tapaidh. Tha Aonghas, neo Niosan mar a dh’aithneachar e, a’ teannadh ri ceithir fichead ’s a h-aon bliadhna deug a dh’aois. Tha e fhathast anns an dachaigh a thog e fhèin ri taobh na tràghad. Tha e a’ cumail chaorach, cha robh e riamh anns an ospadal agus mar a chanas e fhèin, tha na casan aige cho làidir ’s a bha iad riamh. Choinnich mi ris aig an taigh a’ coimhead sìos air an tràigh.
Christine: G’ e bith dè an seòrsa latha a th’ ann, tha sealladh uabhasach brèagha a-mach à uinneag an taighe. Aonghais, a bheil thu a’ cur seachad uairean a thìde a’ coimhead a-mach an uinneag a tha seo?
Aonghas: Tha sealladh brèagha ann a shin, nach fhaic thu leithid. Tha an tràigh a’ dol a-mach trì mìle. Tha i a’ tràghadh dà uair san latha, trì mìle a-mach is a-steach.
Christine: Is gheibh thu thairis às an seo air an tràigh.
Aonghas: Oh gheibh, gheibh. Bha sinne a’ dol thairis leis a’ Shetland Pony a bh’ agam is a’ chairt, a’ dol a-null chun na bùtha an Seileabost, gu Iain Dhòmhnaill Raghnaill.
Christine: Tha an t-uisge a tha air an tràigh ann a shin an-diugh, tha e beagan dorcha.
Aonghas: Oh tha...càil ann ach uisge rèisg. Tha e dorcha leis an riasg a’ tighinn far na beinne. Ach ann an latha neo dà latha, ma bhios turadh ann, tha e cho gorm, uaine ’s a bha e riamh.
Christine: Dè cho fad ’s a tha sibh air a bhith a’ fuireach san taigh seo a-nis?
Aonghas: Mì fhèin a thog an taigh, agus start mi ga thogail ann an 1954.
Christine: Chan eil mòran anns a’ bhaile seo a tha cho eòlach ’s a tha sibh fhèin. Tha sibh air a bhith seo son ùine mhòr dha-rìribh.
Aonghas: Oh a bhròinein, tha, 1937!