Main content

Tar-sgr矛obhadh: Seachdain sa Chogadh

Gilleasbuig MacDhòmhnaill

Gilleasbuig: Bha am blàr airson Mezzine Ridge a bha ann an làmhan nan Gearmailteach bho dheireadh naoi deug ’s a ceithir deug air tòiseachadh dà latha na bu thràithe le naoi mèinnean deug a’ spreadhadh fon talamh air an robh loidhne an nàmhaid. Bha e air a ràdh gun cuala Lloyd George fuaim an spreadhaidh na sheòmar ann an Sràid Downing.

Rinn e sgrios air na Gearmailtich, le mu dheich mìle dhiubh air am marbhadh cha mhòr anns a’ bhad. An dèidh an spreadhaidh, chaidh ionnsaigh a thoirt air na Gearmailtich fo dhìon le an tancaichean agus innealan ùra – Livens Projectors, a thilgeadh canastairean gas dìreach a-steach do thrainnsaichean an nàmhaid. Ged a dh’fheuch na Gearmailtich ri sabaid air ais thairis air na làithean a lean, cha deach leotha.

Thug Blàr Mezzine togail dha feachdan nan Co-chomhraigeach – oir b’ e seo a’ chiad turas air an aghaidh an iar far na dh’fhuiling iadsan a bha dìon barrachd call na dh’fhuiling na feachdan a bha a' tighinn gan ionnsaigh. Bha còig mìle fichead Gearmailteach air an call no air an leòn – seachd mìle deug air an call no air an leòn air an taobh eile.