Main content

Tar-sgr矛obhadh: C貌mhla a-rithist

Penny Burgess

Penny: Tha cuimhneam aon Didòmhnaich, agus bhitheamaid a’ faighinn leth-uair an uaireadair dheth airson a dhol dhan eaglaise anns an ospadal agus tha cuimhneam aon Didòmhnaich, mi fhìn agus na h-igheanan a bha còmhla rium anns a’ chidsin, bha sinn dìreach nar suidhe – cha robh i ach beag an eaglais - ach bha sinn nar suidhe dìreach air a’ chiad row, agus bha Sister Mary air ar cùlaibh, agus am Mother General, bha i a-bhos à Chigwell.

Agus bha bodach a bha seo, bha e na shuidhe – ’s e patient a bh’ ann – ’s bha e sa wheelchair, dìreach aig aghaidh na h-eaglais. Agus nuair a chaidh sinne suas airson a’ chomain a ghabhail, chaidh an sagart chun a’ bhodach a bha seo anns a’ wheelchair, agus a’ toirt dha na comain.

Dh’fhosgail am bodach a bheul agus thòisich na fiaclan aige a’ tuiteam a-mach. Agus thòisich mi fhìn is na h-igheanan a bha rim thaobh air gàireachdaich agus cha deargamaid stad! B’ fheudar dhuinn coiseachd a-mach. So bha an t-eagal oirnn an uair sin anns a’ chidsin – bha sinn ri taobh a chèile - ’s sinn ag ràdh, “Tha sinne ullamh nuair a gheibh Sister Mary grèim oirnn.”

Ach thàinig i staigh agus thuirt i, “Well”, ars ise, “girls, I thought that was hilarious too!” So fhuair sinn dheth leis, bha sinn gu math fortanach! Ach cha dhìochuimhnich mi an latha ud gu bràth! Tha mi air gu leòr eile dhìochuimhneachadh, ach cha dhìochuimhnich mi an latha ud gu bràth!