Tar-sgr矛obhadh: Dylan
Rody Gorman is Iain Moireach a’ bruidhinn mu Bob Dylan
Rody: Mar a thuirt Dylan fhèin, cha leig thu leas ach sealltainn mun cuairt is tha rudeigin a’ bualadh ort. ’S ann mar sin a tha esan air a bhith bho thùs. Thuirt Liam Clancy nuair a thachair esan ris an toiseach nan sixties gur e blotting paper a bh’ ann leis cho fosgailte ’s a bhiodh rudan a’ drùdhadh air.
Gun teagamh, tha bàrdachd mar phàirt dhe na rudan a thug buaidh air agus tha deasbad air a bhith dol o chionn fhada an e bàrd a th’ ann.
Dhomh fhìn an rud a tha cudromach – cho math ’s a tha e mar cheòl, cho math ’s a tha e mar bhàrdachd, agus ’s e cho math ’s a tha e mar bhàrdachd an rud a tha ga tharraing gam ionnsaigh.
Iain Moireach: An sgrìobhadair Rody Gorman. Mus robh naoi ceud deug, trì fichead ’s a ceithir seachad, bha Dylan air a cheathramh clàr a dhèanamh; bliadhna as dèidh sin, phòs e Sarah Lowndes agus bha cùisean sona dha. Ach an uair sin, rinn e rud a dh’fhàg a luchd-leantainn ga chàineadh gu dubh – agus am manaidsear aige, Albert Grossman, agus an eòlaiche folk Alan Lomax a’ sadail dùirn air a chèile anns a’ pholl air cùl an àrd-urlair.