Main content

Tar-sgr矛obhadh: Seachdain sa Chogadh

Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill

Gilleasbuig: Air an deicheamh latha fichead den Dùbhlachd, naoi ceud deug ‘s a seachd deug, chaidh an Aragon, bàta giùlan shaighdearan a chur fodha. Ann an coimheadach bhàtaichean, bha i air Alexandria a ruighinn, às dèidh seòladh à Marseilles, seachdain ron Nollaig, le còrr air dà mhìle gu leth saighdear air bòrd, ’s iad air an t-slighe a shabaid ann am Palestine. Fhad’s a bha an Aragon a’ feitheamh airson a dhol a-steach don chaladh chaidh a bualadh le torpedo bhon bhàt-aigeil Gearamailteach UC34, agus thòisich i a’ dol fodha gu luath.

Chaidh mòran bhàtaichean ga cuideachdh, nam measg, am milltear, HMS Attack. Chaidh an Attack i fhèin a chur na dà leth, cha mhòr, le torpedo eile bho UC34. Ged a chaidh mòran a shàbhaladh, chailleadh còrr air sia ceud duine dhe na bh’ air an Aragon.