Main content

Tar-sgr矛obhadh: Tiugainn a Dhannsa

Anne Souter: Bidh cuimhn’ a’m gu bràth air aon oidhche a chaidh sinn gu dannsa ann an Loch Ailleart, agus ’s e a Roshven Ceilidh Band, agus sin agad am band anns an robh Fearchar MacRath nach maireann, agus a chuideachd a’ cluich. Uill, bha an dannsa sin tha mise ag ràdh riut, ’s ann anns a’ chaisteal a bha e. Agus ’s e rùm mòr uabhasach a bh’ ann, agus teine mòr, teine mòr guail, agus abair thusa eadar an teine agus an dannsa, bha teas a-staigh an sin tha mise ag ràdh riut. Agus co-dhiù, bha an dannsa, bha e uabhasach, uabhasach math, agus cha robh e gu diofar eil fhios agad bha thu ag iarraidh dannsa còmhla ris a h-uile duine, cha bhiodh na balaich ach a’ leum tarsaing air an ùrlar. Fhios agad, cha robh leithid de rud ann ri suidhe còmhla ri fear. Bha na h-igheanan air aon taobh dhen talla, is bha na balaich an taobh eile dhen talla mar a bhios cuimhne agad fhèin. Ach co-dhiù, nuair a bha an dannsa seachad, is chaidh sinne gu faighinn dhachaigh. Agus bha cudeigin, nuair a ràinig sinn Annett, agus ’s e sin pìos, deagh phìos a-mach às a’ Ghearasdan. Stad, ’s e bhan a bh’ ann, cha b’ e idir càr ach bhan, agus stad a’ bhan, agus cha robh boinne petrol innte. Agus cha robh an còrr ann ach coiseachd dhachaigh!