Tar-sgr矛obhadh: Proposition 22
Tormod a’ Bhocsair
Tormod: Bha an tidsear againn aost’ agus a’ casadaich.
“Name!”, thuirt i ann an guth domhainn.
“John Duncan Mackay.”
Bha mi a’ coimhead ri na h-aodainn air an robh na h-ainmeanan ùra seo.
“Murdo Mackenzie”, thuirt Murdo Mackenzie agus dhìobhair e.
Leum an duine a bh’ air a bheulaibh a-mach às a rathad.
“Eil pic dheth air mo dhruim”, thuirt e riumsa, an aghaidh aige a’ tighinn eagallach faisg orm. Bha sgian na shùilean agus fàileadh a’ chod liver oil bho anail. Cha robh an tidsear fiadhaich idir. Bhruidhinn i gu bàidheil ri Murdo Mackenzie. Bha esan cho dearg ris an fhuil, a shùilean fliuch is e air a nàrachadh. Ach bhruidhinn i gu bàidheil ris, am boireannach aosta seo aig an robh an droch chasad.
Chunnaic mi pacaid Capstan na baga, is chuir e dearg uamhas orm.
“Tha i a’ smocaigeadh”, thuirt mi ri John Murdo Campbell.
“Tha i a’ smocaigeadh”, thuirt John Murdo Campbell ri Louie Mackinnon, agus thuirt esan e ri Daniel Macdonald, agus thuirt Daniel Macdonald e ris an duine Sgitheanach a leum ron an dìobhairt, is cha deach e na b’ fhaide na sin fhèin.
“Eil dìobhairt air mo dhruim?”, dh’fhaignich esan.
“Seall cho ruadh ’s a tha na corragan aice”, thuirt mise ri John Murdo Campbell. Bha i bàidheil agus cha bhiodh i fada beò.