Main content

Tar-sgr矛obhadh: L脿ithean Geala 8

“Aon Char Eile”

Tha obair na mònadh a’ cumail ri Seumas agus ri Mòraig bho dheireadh an Earraich gu meadhan an t-Samhraidh. Is math dhaibh gu bheil Calum cho làidir, agus gu bheil e cho èasgaidh agus cho deònach gus cuideachadh a thoirt dhaibh a h-uile uair a bhitheas e saor bho obair na sgoile.

Is ainneamh latha mun àm seo den bhliadhna nach bi Seumas ag obair “mar an t-each”, mar a thuirt e fhèin ri a charaid, Iain Ruadh, a tha a’ fuireach ri an taobh. Ged nach bitheadh an urra ris ach obair na mònadh, cha bu bheag an t-uallach sin fhèin; ach cha mhòr gum bi a’ chruach-mhònadh air a dùnadh an uair a dh’fheumas e an speal a gheurachadh, agus tòiseachadh air gearradh an fheòir. Tha feadhainn anns an sgìre a nì an tractar seo dhaibh cuideachd. Cha do chuir Iain Ruadh làmh air speal bho chionn ceithir bliadhna; ach cha bhi Seumas a’ feitheamh ri tractar no rud eile – “Feumaidh sinn an latha math a ghabhail an uair a thig e”, bidh esan ag ràdh.

Ma gheibh iad deagh shìde, cha bhi muinntir Sheumais fada ris an fheur. Tha iomadh car ri chur dheth mus fhaighear anns na cruachan e, ach chan eil iodhlann anns an sgìre a bhitheas làn nas luaithe na iodhlann Sheumais. Tha iad fhèin làidir, inntinneach, agus cha robh eagal air duine aca riamh ro obair chruaidh.

Is e “samhradh breac riabhach” as trice tha ann an sgìre Lag na Coille, mar a tha e anns na h-Eileanan an Iar air fad, agus mar sin chan eil e furasta am feur a dhèanamh tioram agus caoin a h-uile bliadhna. Feumar aideachadh gum bi Calum seachd searbh den chùis an uair a bhitheas an t-sìde fliuch, agus gum bi fadachd air an uair sin gus am faigh e gu muir, agus gus an ruig e na tìrean fad às, far nach eil feur ri thiormachadh agus far nach eil droch shìde a’ cur dragh air duine bho cheann gu ceann den bhliadhna. Cha leig e dad air ri athair, oir tha fios is cinnt aige nach canadh am fear sin ach rudeigin mar seo:

“Is ann a tha thu ri glùin do mhàthar, a charaid. Is mise bha thall ’s a chunnaic."

A. Nach math gu bheil thu math air na ceistean a fhreagairt – tha tuilleadh agad an seo!
1. Cuin a bhitheas Seumas agus Mòrag a’ tòiseachadh air obair mònadh?
2. Cuin a chuireas iad crìoch air an obair seo?
3. Cò bheir cuideachadh dhaibh leis an obair?
4. Saoil carson nach dèan Màiri seo cuideachd?
5. Dè mar a bhitheas Seumas ag obair?
6. Saoil dè mar a bhitheas Iain Ruadh ag obair?
7. Dè tha ri dhèanamh an uair a bhitheas obair na mònadh seachad?
8. Cò leis a nì Seumas seo?
9. Ciamar a tha feadhainn eile ga dhèanamh?
10. Carson nach dèan Seumas mar seo e cuideachd?
11. Càit an cuir Seumas am feur an uair a bhitheas e tioram?
12. Dè an seòrsa samhradh a tha ann an “samhradh breac riabhach”?
13. Carson nach bi muinntir Sheumais fada ris an fheur?
14. Carson a bhitheas fadachd air Calum gus am faigh e gu muir?
15. “Is mise bha thall” arsa Seumas - càit an robh e?
16. Cuin a bha e ann?

B. Na cuireadh iad seo eagal sam bith ort - ach cuir thusa an t-eagal orrasan:
1. Is e creutair seòlta a tha anns an t-....
2. Chan eil eun anns an ealtainn cho làidir ris an ....
3. Chan eil creutair eile ann a tha cho ....ris a’ chù.
4. “An giomach, an .... ’s an ...., trì seòid a’ chuain.”
5. “Tha miann a’ .... anns an tràigh ged nach toir e fhèin às e.”
6. “Bu dual do isean an .... a dhol chun na mara.”
7. Bidh an .... a’ seinn gu h-àrd anns na speuran.
8. “.... sa mhadainn chiùin.”
9. Chan eil nàmhaid aig an .... cho mòr ris a’ chat.
10. “Is minic a bha droch .... aig deagh mhart.”

C. Na dèan iad seo idir ma tha thu ro sgìth:
1. Tha bòrd anns an sgoil; tha casan a’ .... air an làr.
2. Tha laogh anns a’ bhàthaich; tha ceann an .... beag.
3. Tha falt a’ fàs air mullach do .... (rud nach eil air a’ bhodach bhochd!)
4. Tha cabar air an fhiadh; tha cabar an .... fada.
5. An cuala tu comhartaich a’ ....?
6. Tha eun anns a’ choille; is binn ceileir an .... air madainn samhraidh.
7. Tha iad cho mòr aig a chèile ri dà cheann ....
8. Is ann gu mullach a’ .... a chaidh Seoc is Sìle.
9. Ma chuireas iad a-mach sinn, bidh sinn air cùl an ....
10. Is e còcaire fear a bhitheas a’ deasachadh a’ ....