Tar-sgr矛obhadh: Taigh-貌sta Roghadail
Donnie Moireasdan a’ cuimhneachadh air Taigh-òsta Roghadail
Ceitidh Anna NicCoinnich: ’S iomadh duine de mhuinntir an àite a bhiodh a’ tadhal ann – gu h-àraidh air an taigh-sheinnse; ged nach ainmicheadh iad gur ann an sin a bha iad a’ dol idir – mar a dh’innis Dòmhnall Moireasdan a bhoineadh do Liongrabhagh, ach a tha an-diugh a’ fuireach ann an Roghadal dhomh – no Doonie mar as fheàrr a dh’aithnichear e.
Donnie: “Sios chun a’ chladaich” mar a chanadh iad. Bhiodh aig leithid an dèidh na fainge, no gu seachd àraidh oidhche Disathairne, bhiodh daoine a' cruinneachadh ann. Bha e mar a... bha e mar a’ chleachdadh a bhith a’ dol ann, dìreach air oidhche Shathairne a chruinneachadh. Bha thu a’ smaoineachainn mura deidheadh tu ann, gu robh thu air call a-mach air an t-uabhas dhe na rudan a bha a’ dol air adhart anns an àite, ’s bhiodh balaich a’ cruinneachadh ann a shin is a’ seanchas, 's ag argamaid, ’s a’ dèanamh a leithid, a’ cur an t-saoghail ceart tha mi creidsinn!
Agus bha lasganaich is gàireachdaich ann a shin, gu h-àraid air oidhche Shathairne. Bha thu ... coiseachd a-nall a’ rathad thuige is chluinneadh tu e mar gum b’ e nead sheillein! A’ cheò a’ tighinn a-mach air an doras, chanadh tu gu robh e na theine! Cha robh e na theine idir, cha robh ann ach gu robh a h-uile duine smocadh!