Tar-sgr矛obhadh: 脌m na Beannachd
Mairead NicLeòid a’ bruidhinn mu Bhàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain
Mairead: Uill, bha mi air am bonn airgead fhaighinn ann an 1970 anns an Oban, agus bha mi a’ seinn aig consairt ann an Glaschu, agus às dèidh sin, chaidh sinn gu taigh cèilidh ann an taigh Donaidh... Donaidh F is Màiri, Màiri Fionnlasdan. Agus bha mi ag èisteachd ri bodach a’ seinn ann an oisean a’ rùm – bha a h-uile duine a’ cabadaich – ach bha mi smaoineachadh an toiseach gur e mo sheanair a bha ga sheinn, fhios agad, ’s e bodach... bhiodh mo sheanair a’ preseantadh ’s rudan mar sin.
Ach co-dhiù, dh’fhaighnich mi do... Dòmhnall MacIlleathain a bha anns a’ rùm cò bha seinn agus thuirt e gur e bàrd Mhealaboist a bh’ ann.
Nise, aig an àm sin, bha mise dìreach air cluinntinn mu dheidhinn bàrd Mhealaboist bho piuthar mo mhàthair, m’ antaidh Anna. Agus shuidh mi anns a’ chòrnair ann a shin is dh’èist mi ris fad na h-oidhche. Agus bha mi dìreach air mo dhòigh glan, ag èisteachd ri na h-amhrain a bha sin!