Tar-sgr矛obhadh: C貌 ach Cathy Ann...?
Cathy Ann MacPhee speaks to Mary Ann Kennedy about appearing on the Gaelic learners’ programme Can Seo when she was still a teenager.
Mairi Anna NicUalraig: Cò ris a bha sin coltach?
Cathy-Ann: Oh uill, bha sin dìreach, dìreach sgoinneil. Agus b’ fheàrr leam gun iarradh cuideigin orm sreath ùr a dhèanamh còmhla riutha a-màireach oir b’ fheudar dhomh clach a chall airson am pàirt sin a chluich. Bha sin really doirbh ach rinn mi e. Cha robh mise a’ smaointinn, cha robh mi ach ochd-deug no naoi-deug agus bha mi …. nuair a choimheadas mi air an-dràsta, bidh mi a’ dol, “Obh obh”, a bheil fhios agad? A thaobh a bhith ag actadh. Bha sin … gad fhaicinn fhèin air bogsa agus bha mi a’ faireachdainn gun robh mi nam superstar, a m’ eudail! Cha b’ urrainn dhomh a dhol a-mach airson cupa cofaidh ann an Steòrnabhagh gun a bhith a’ soidhneadh napkins aig daoine. “Oh faodaidh, faodaidh.”
Mairi Anna: Uill ’s e rud eadar-dhealaichte a bhiodh ann a’ faicinn cuideigin air a’ bhogsa taca ri àrd-ùrlar.
Cathy-Ann: Sin e, sin e. Oh agus gach àit’ a thigeadh tu, bha daoine ag iarraidh d’ ainm sgrìobhte agus àireamh-fòn triop no dhà.
Mairi Anna: Oh seadh! Am b’ fhiach e?
Cathy-Ann: Oh uill a ghràidh! Prògram eile a tha sin!