Tar-sgr矛obhadh: Far-ainmean
An t-Urr Ruairidh MacLeòid a’ còmhradh ri Ailean Caimbeul mu fhar-ainmean
Ruairidh: Bhiodh far-ainmean air daoine às na bailtean. Can an-dràsta, ann an Uibhist – na bailtean dìreach mu choinneamh Bhearnaraigh. Bha bail’ ann air an robh Port nan Long, ’s e “Faoileagan Phort nan Long” a bh’ aca orra. Agus bha tè ann am Bearnaraigh ag innse dhomh gur e an t-adhbhar a bha “Faoileagan Phort nan Long” air na daoine sin – chanainnsa gu robh iad rudeigin sgiathalach - ach thuirt ise gur e cho còir ’s a bha iad, fhios a’d, tha facal neònach anns a’ Ghàidhlig, cho còir ris an fhaoileig. Cha chanadh tu gu robh iad uabhasach còir, ach tha e coltach gu robh muinntir Phort nan Long, gur e daoine coibhneil a bh’ annt’, ’s gun tug iad “Faoileagan Phort nan Long” orra. Mar sin, bha ainmean air leth air muinntir nam bailtean eadar-dhealaichte.
Ailean: Tha e gu math annasach, am facal sin, ceart gu leòr, “cho còir ris an fhaoileig.” Nuair a smaoineachas tu anns an latha an-diugh, fhios a’d, an droch chliù a th’ aig faoileagan as na bailtean, daoine a’ feuchainn ri cur às daibh.
Ruairidh: Gu dearbha, tha mise a’ smaoineachadh gur e bh’ ann, fhios a’d, aon uair ’s gun lorg an fhaoileag biadh air choireigin, chan urrainn dhi bhith na tàmh; tha i a’ dèanamh sgriachail uabhasach ’s tha càch a’ tighinn an uair sin, agus a’ faighinn com-pàirt anns a’ bhiadh! Tha mise a’ smaoineachadh gur dòcha gur e sin a bh’ ann, o chionn cha chanadh tu gu robh iad uabhasach còir ann an dòighean eile!