Main content

Tar-sgr矛obhadh: Lisbon '67

Ailig O’Henley

Ailig: Bho thoiseach na seusan a bha sin, thòisich iad cho luath – thog iad cupa Ghlaschu, bhuinnig iad cupa a’ Lìog, rinn iad an gnothach air cupa na h-Alba cuideachd an aghaidh Obar Dheathain – bha a h-uile sìon a’ dol leotha.

Agus tha cuimhneam Bertie Auld a bhith ag innse stòiridh bheag dhomh mu dheidhinn a’ chiad ghèam, derby, a bh’ aca an aghaidh Rangers air an t-seusan a bha sin; thàinig iad a-mach dìreach mar peilear à gunna – fhuair iad dà thadhal ann an còig mionaidean aig toiseach a’ ghèam. Bha an gèam seachad – cha robh an còrr thadhail ann às dèidh sin – agus às dèidh làimh, thuirt athair Bertie ris, “Ma tha sibh a’ dol a chumail oirbh a’ cluiche mar sin, feumaidh mise a dhol gu geamaichean nas traithe” – o chionn, bha, coltach ri gu leòr eile, bha e air a bhith beagan mhionaidean anmoch faighinn a-staigh a choimhead a’ ghèam agus chaill e an dà thadhal.

Ach ’s e comharra a bha sin a bha Stein agus na cluicheadairean aige a’ cur a-mach – gur e sgioba ùr a bha seo aig Celtic; nach e an sgioba a bh’ ann bho shean, far am biodh iad... na cinn a’ dol sìos, ’s iad a’ call tadhal tràth; bha neart ùr anns an sgioba a bha seo aig Celtic agus chuir iad sin am follais gu math tràth air an t-seusan sin.