Tar-sgr矛obhadh: 脪ran an L脿
Le Griogair Labhruidh
Griogair: Rugadh is thogadh mi ann an Gart a’ Chàirn, Loch Laomainn, ach buinidh mo theaghlach do dh’Earra-Ghàidheal a Tuath do Bhaile Chaolais, agus tha buinteanas agam cuideachd le Sròn an t-Sìthein agus an sgìre Àird nam Murchan.
Agus tha mi air òran a thaghadh a chaidh a sgrìobhadh anns an sgìre sin le bàrd sònraichte math air an robh Dòmhnall MacColla, 'Fàgail Cheann Gheàrrloch' an t-ainm a th’ air an òran. Agus ’s e bàrdachd sònraichte math a th’ ann. Anns an òran, tha e a’ bruidhinn air sealladh is air na fèidh, is a’ toirt seachad an gaol a th’ aige fhèin air an àite.
Agus tha an t-òran a’ sealltainn na tha math mu dheidhinn bàrdachd, gu sònraichte à Earra Ghàidheal a Tuath. Theirinn gur e duine sònraichte a bh’ ann an Dòmhnall MacColla le Gàidhlig dhomhainn, cheòlmhòr, dhualchainnteach, nàdarra. B’ e Dòmhnall am bàrd a bu chudromaiche a bha beò anns an fhicheadamh linn dhòmhsa co-dhiù.
Bha esan am measg na bàird mu dheireadh air tìr-mòr. Tha mi eòlach air meall dhaoine anns an sgìre agus cuimhn’ aca air Dòmhnall, agus tha mi a’ smaoineachdainn gur e rud cudromach a tha sin oir tha e a’ toirt dhut ceangal pearsanta leis a’ bhàrd.
Ged a rinn e meall òrain, theirinn gur e 'Fàgail Cheann Gheàrrloch' am fear as fheàrr dhomhsa co-dhiù. Tha na facail a tha e ag ùisneachadh anns an òran fìor làidir, agus tha fonn àraid air an òran cuideachd.