Main content

Tar-sgr矛obhadh: Fl霉raichean Chelsea

Anna KC NicLeòid a’ bruidhinn air Flùraichean Chelsea

Ach ‘s e sgeulachd dhaoine a tha beò anns an t-saoghal againne a tha seo ag innse agus ‘s e sgeulachd fògarraich a th’ ann agus mar a tha iad a’ tighinn beò agus an seòrsa beatha a th’ aca ‘s mar a tha iad a’ feuchainn ri beatha àbhaisteach a dhèanamh ‘s iad fada bhon an taigh, mar a tha iad a’ feuchainn ri rud snog a chruthachadh far a bheil iad, anns an àite nach eil na dhachaigh dhaibh. Mar a tha iad a’ feuchainn cuideachd ri biadh fhàs agus... bha tè dhe na boireannaich ag ràdh gun robh an àite mar campa do dh'fhògarraich, gum bithear a faighinn cuibhreann de bhùrn gach latha. Chan eil bùrn cho pailt an sin agus tha feadhainn dha na boireannaich a’ roghnachadh pàirt dhan an earrann fhèin a chur an dàrna taobh airson rudan fhàs agus tha sin a’ ciallachadh, air a’ cheann thall, gu bheil àrainneachd aca a tha toirt tomhais de dh’àilleachd dhaibh agus cuideachd far an urrainn dhaibh rudan fhàs.