Main content

Tar-sgr矛obhadh: Siubhal gu Seachd

Guthan: Derek “Pluto” Murray agus Dòmhnall Camshron

Co-theagsa: Air a’ phrògram Siubhal gu Seachd, chaidh Dòmhnall Camshron a-steach dhan stiùidio airson cèilidh air Pluto. Seo mar a chaidh dhaibh...

Derek: A Dhòmhnaill, dè man a tha thu?
Dòmhnall: Tha mi gu math, tha e math a bhith seo.
Derek: Thàinig thu suas a dh’aona-ghnothaich a chèilidh orm?!
Dòmhnall: Thàinig. Nach mi...thàinig mi à Uibhist a Tuath, chan ann à Glaschu à Uibhist a Tuath. Bha caolas na Hearadh snog.
Derek: Ciamar a tha retirement a’ còrdadh riut?
Dòmhnall: Tha retirement mìorbhaileach.
Derek: A bheil?
Dòmhnall: Duine sam bith a tha a’ tighinn faisg air, tha mise a’ cantainn ribh, shìorraidh tha e math.
Derek: Tha e math!
Dòmhnall: Tha e math! Tha e math is tha e math dhut!
Derek: Tha e math dhut!
Dòmhnall: Dh’fhàs mi buntàta mhachaire....
Derek: Dè th’ ann mu dheidhinn na Deasaich? Duine sam bith à Uibhist...
Dòmhnall: Tuathaich! Haoi haoi haoi!
Derek: Duine sam bith à ceann a deas grid Dhail, ’s e Deasach a th’ annad.
Dòmhnall: Ach uill….
Derek: So Deasaich, a h-uile duine agaibh, a’ tighinn a-mach, "Buntàta a’ mhachaire. Buntàta a’ mhachaire. Oh, chan eil càil coltach ri buntàta a’ mhachaire."
Dòmhnall: Uill, chan eil am beat air.
Derek: Chan eil am beat air, agus tha coltas air a’ chàr agad, tha am boot agad làn!
Dòmhnall: Nis, tha mi an dòchas gu bheil gu leòr ann an Nis. Tha fhios gu bheil buntàta a’ mhachaire gu leòr ann an Nis, is mura h-eil, carson nach eil?
Derek: Chan eil. Tha am buntàta againne cheart cho math a-staigh am baile ’s a tha e air a’ mhachair.
Dòmhnall: Ahhh uill, cuiridh tu iomadach duine a dhol leis an ...annas mar sin.
Derek: Sin an obair a th’ agam. ’S e sin an obair a th’ agam, a’ feuchainn ri daoine a chur a dhol!
Dòmhnall: Uill, tha thu a’ dèanamh glè mhath air.
Derek: Tha thu a’ coimhead math dha-rìribh a Dhòmhnaill.
Dòmhnall: Tapadh leat gu deimhinnte.
Derek: Agus, ’s math gu bheil retirement a’ còrdadh riut.
Dòmhnall: Abair fhèin e.
Derek: Chan eil thu ach 48, so tha ùine mhath agad fhathast.
Dòmhnall: Mar as 峤竔ge, ’s ann as fheàrr.
Derek: ’S ann.
Dòmhnall: Chan eil thu fhèin cho fada bho sin fhathast, ’s dòcha gum bi thus’ a’ falbh aig aois cho òg sin. Cò aig a tha fios?
Derek: Yeah, chan eil fhios ’am an ruig mi sin!