Tar-sgr矛obhadh: Sgeulachd Beatha
Màiri na Càrnaich, Màiri NicIlleathain a’ bruidhinn ri Fionnlagh Macleòid
Màiri: Bha e cianail, cianail fhèin doirbh suidhe sìos agus a bhith modhail agus gun a bhith bruidhinn. Agus tha cuimhneam gun d’ thuirt an tidsear rium a’ chiad latha no an dàrna latha a bha mi anns an sgoil, “A Mhàiri”, ars ise, “mura sguir thusa bhruidhinn, cuiridh mi mach air an uinneig thu!” Agus thuirt mise rithe, “Cha bheir thu orm!”
Ach bha sgoil glè mhath. Bha locha beag air beulaibh na sgoile, agus cha robh mise tuigsinn cho cunnartach ’s a bha loch a bha sin – bha bàgh beag innte agus bhiodh lach-a-bhlàir a’ dèanamh a nead innte a h-uile h-earrach ... samhradh. Agus bha mise ag iarraidh sùil fhaicinn air an nead a bha seo – cha robh mi riamh air nead mar sin fhaicinn. Agus ghrunnaich mise a-mach agus ma ghrunnaich, chaidh mi fodha, chun nan achlaisean. Agus b’ fheudar dhan tidsear mo thoirt a-staigh agus m’ aodach a chur dhiom agus bha mise ann an taigh nan tidsear fad an fheasgair gus an do thiormaich mo chuid aodaich.