Main content

Tar-sgr矛obhadh: Feasgar

Eilidh Cormack

Cathy: Tha mi a' dol a thoirt cothrom dhut ma-tha innse dhomh, dè na rudan a bu chaomh leat fhaicinn? Dè am piseach a bheireadh tusa air an t-saoghal?

Eilidh: Bha iomadh rud a thàinig gu mo chinn nuair a bha mi a' smaoineachadh air, ach uill, ‘s e a’ chiad rud a thagh mi, 's e, gum beirinn... ‘s e rud a tha gu math pearsanta dhòmhsa, ’s dòcha, bheirinn air a h-uile duine a bhith seinn, co-dhiù uair san latha!

Cathy: Fiù ’s ged nach biodh guth seinn aca?!

Eilidh: Seadh! Uill, tha mi smaoineachadh..... tha mi smaoineachadh gu bheil e a' còrdadh ris a’ mhòr-chuid de dhaoine. Gu dearbh chan eil... o bidh i ’g èisteachd, ach chan eil guth seinn aig mo sheanmhair, ach tha e a’ còrdadh rithe a bhith seinn agus a bhith seinn còmhla rinn, agus... tha e fhathast, tha e dìreach, chan eil càil a tha a' toirt togail dhòmhsa co-dhiù, coltach ri seinn. Ma tha uallach orm mu rud sam bith, ma tha mi draghail mu chàil sam bith, bidh mi dìreach a’ gabhail còig mionaidean dìreach airson òran a lorg air a bheil mi measail agus dìreach a’ seinn. Agus tha mi a’ faireachdainn nas fheàrr às a dhèidh.

Cathy: Tha mi ag aontachadh leat. Tha mi an còmhnaidh a’ seinn. An còmhnaidh, an còmhnaidh, an còmhnaidh, agus bidh an fheadhainn tha còmhla rium, an fheadhainn nas òige ag ràdh “Sguir dheth!” bhon bidh iad a’ smaoineachadh gur e rud sgriosail a th’ ann, ‘s bidh mise smaoineachadh, chan eil duine ga mo chluinntinn – chan eil mi a' sgalartaich, aig àrd mo chlaiginn!