Tar-sgr矛obhadh: Dotair a' Chamara
Rona: Tha an oidhche a bha seo, thàinig e a-nuas a ghabhail cupa tì còmhla rium agus thuirt e rium, “Nuair a dh’fhàg mi a-raoir thu” ars esan, “aig trì uairean sa mhadainn, eadar an t-ospadal agus crois Dhalabroig, thuirt mi rium fhìn, tha solas an siud, is cha robh còir aige a bhith ann idir. Chan eil taighean idir an siud.”
“Agus thionndaidh mi is thill mi air ais, agus dè bha seo”, ars esan, “ach bhan, bhan bheag uaine agus na ceithir rothan is i air casan os a cionn anns an dìg is na solais oirre is a h-uile sìon.”
“Is thuirt mi, “Aww, bidh cudeigin an seo, tha mi an dòchas nach eil duine air a ghoirteachadh.”
Fhuair e, chaidh e sìos dhan dìg co-dhiù, agus shlaod e an doras cùil. Bha ceathrar dhaoine a-staigh ann, ceathrar fhear a-staigh ann a shin, agus lethan-bhotal aca agus iad a’ gabhail òran!
Agus, ’s ann a dh'fhiathaich iad a-staigh e gu dram, agus thuirt e, “Mach à seo!”
Bha e fhèin fuar marbh a’ gaireachdaich air a’ ghnothach. “Mach à seo”, ars esan, “'s na gillean an t-aodach liath a’ fàgail Loch Baghasdail an-dràsta. Mach à sin, agus cuir thu a’ bhan air ais air an rathad agus a-mach à seo.”
Agus rinn iad sin. Ghabh iad a’ chomhairle agus dh’fhalbh iad dhachaigh, ach theab e fhèin spreadhadh a’ gaireachdaich air na ceithir rothan, casan os a cionn agus iad a’ dèanamh pàrtaidh a-staigh anns a’ bhan gun guth air a dhol dhachaigh!