Main content

Tar-sgr矛obhadh: Aimsir le Kirsteen NicDh貌mhnaill

Kirsteen: Feasgar math dhuibh. Mairidh i fliuch agus fiadhaich airson greis feasgar. Ruigidh a’ ghaoth mu thrì fichead mìle agus a deich tro na h-Eileanan Siar, an t-Eilean Sgitheanach, na Costaichean mun Iar Thuath agus na h-Eileanan mu Thuath.
Bu chòir gum falbh an t-uisge anmoch feasgar dhan a’ Chuan a Tuath a’ fàgail an turadh gu ìre mhòr air a chùlaibh le greisean de shoillearachd agus grèine, agus beag air bheag, bidh a’ ghaoth a’ socrachadh ach a-mhàin tro na h-Eileanan mu Thuath. Mu ochd no naoi celsius, is i a’ faireachdainn fuar anns a’ ghaoith.
A-nochd, bidh i na turadh le greisean de dh’iarmailt shoilleir agus gaoth lag. Bidh reòthadh ann do mhòran, mu chòig neo sia celsius fo ìre-reothaidh air an tuath mun Ear. Timcheall air ìre-reothaidh tro na bailtean mòra, agus thig aimsir car sgòthach a-staigh dhan a’ chost an Iar mar a thèid an oidhche air adhart.
A' ghaoth ag èirigh bho dheas an seo cuideachd, mu thrì no ceithir celsius an seo mun àm a ruigeas sinn deireadh na h-oidhche.
A-màireach, tòisichidh an latha tioram, fuar le greisean de shoillearachd agus grèine. Chan fhada a mhaireas sin ge-tà is an t-uisge gu bhith a’ gluasad a-staigh gu siar uair eile, is a’ sgapadh an uair sin tron dùthaich. Èirigh a’ ghaoth bho dheas gu ruige neart gèile tro na h-Eileanan Siar agus mu na Costaichean mun Iar Thuath.
Thig turadh anmoch feasgar mun Chosta an Iar, ach mairidh i sgòthach le uisge aig àmannan mun Ear. Bu chòir beag air bheag gu socraich cùisean feasgar.