Tar-sgr矛obhadh: Sgeulachd Beatha
Seonaidh Ailig: Oh bha, bha. Bha e gràineil ann an dòigh gum feumadh e tachairt. Ach ann an dòigh eile, bha e math a thoradh, bha thu a’ cur eòlas gu math tràth air daoine air nach robh thu eòlach ron a sin. Agus, bha caidreachas às ùr anns an robh thu an sàs nach robh agad ron a sin.
Ach, aig an aon àm, bha mise is tha mi a’ creidsinn a’ chuid a bu mhotha aig an aois sin, aig aois ceithir bliadhn’ deug, bha sinn gar dalladh leis a’ chianalas. Agus, bheireadh tu treis mus faigheadh tu seachad air a sin.
Agus nuair a dh’fhàg mi, bha mi air a bhith ann an Sgoil Cheann a’ Bhàigh, is chòrd sin uabhasach math rium. Agus bha tidsearan math ann, is feadhainn nach robh cho math, ach sin mar a gheibh thu ann an sgoil sam bith. Ach nuair a chaidh mi Phort Rìgh, chuir mi eòlas air balaich às an Eilean Sgitheanach is às na Hearadh is bha sinn uabhasach càirdeil.
A’ chiad rud a thachair, a’ chiad chuimhn’ a th’ agam nuair a chaidh mi sgoil Phort Rìgh, ’s e gun robh na balaich a bh’ ann romhainn, is bha sinn a’ fuireach anns an ostail, ostail nam balach. Agus bha na h-igheanan a’ fuireach anns an ostail aca fhèin is bha i mìle air falbh bho ostail nam balach, is tha mi a’ creidsinn gun d’ rinn iad sinn a dh’aona-ghnothaich.
Annella: Chan eil fhios a’m am biodh mìle fada gu leòr!
Seonaidh Ailig: Agus a’ chiad chuimhn’ a th’ agam, ’s e nuair a chaidh mi dhan ostail ann am Portrìgh. Na balaich a bh’ ann romhainn, is an fheadhainn a bu shine na bha sinne a’ faighneachd dè a far-ainm a bh’ oirnn. Agus, dh’fhaighneachd fear dha na balaich mhòra dhomhsa dè an t-ainm a bh’ orm.
Is thuirt mi, “Coma leat”.
Is thuirt e, “’S e sin a bheir sinn ort!”
Ach, chan e, oir bha far-ainm orm mu thràth!