Main content

Tar-sgr矛obhadh: G脿idheil Oilthigh Ghlaschu

Aonghas MacCoinnich: Tha fhios gun robh ged a b’ e oilthigh uabhasach taiceil dhan riaghaltas stèidhichte, neo an establishment a bh’ ann, tha fios gun robh gu leòr oileanaich ged nach robh iad, ged a bha iad beagan na bu dhiùid, tha fhios gun robh gu leòr oileanaich nach robh taiceil agus gun robh iad taiceil dha cùis na Seumasaich aig an aon àm.

Moch sa mhadainn is mi dùsgadh,
’S mòr mo shunnd is mo cheòl gàire
On a chuala mi am Prionnsa,
A thighinn do dhùthaich Chlann Raghnaill.

On a chuala mi am Prionnsa a thighinn do dhùthaich Chlann Raghnaill...

(Pàirt den òran “Moch sa mhadainn is mi dùsgadh” (Hùg ò Laithill ò – ainm eadar-dhealaichte). Chaidh an t-òran a sgrìobhadh le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, a bha na bhàrd Rìoghail Cheilteach dhan am Prìonnsa Tearlaich)

Gilleasbuig Macdonald: Is tha fhios againn gun robh na daoine sin aig Oilthigh Ghlaschu aig aon àm. Chan eil fianais sgrìobhte againn, a bheil, gun robh Alasdair mac Mhaighstir Alasdair aig Oilthigh Ghlaschu, ach tha amharas againn gun robh.

Aonghas MacCoinnich: Uill, tha amharas ann gun robh mac Mhaighstir Alasdair a’ frithealadh an oilthigh. Cha bhiodh a h-uile oileanach a bhiodh a’ tighinn dhan oilthigh, cha bhiodh iad a’ clàradh mar gum bitheadh. Cha robh suas gu meadhan an naoidheamh linn deug. Nise, tha eòlaichean a tha air a bhith sgrùdadh beatha agus obair mhic Mhaighstir Alasdair deimhinnte gun robh e aig an oilthigh, agus dheidhinnsa le sin tha mi cinnteach.

Gilleasbuig Macdonald: Agus a-rithist, ’s e Seumasach gu smior a bh’ ann an Alasdair mac Mhaighstir Alasdair?

Aonghas MacCoinnich: ’S e an dearg Seumasach a bh’ ann an Mac Mhaighstir Alasdair.

Gràinne mullaich gach Rìgh thu
Slan gun till thus’ a Thearlaich
’S ann a tha an fhìor-fhuil gun truailleadh
Anns a’ ghruaidh is mòr-nàire

(Pàirt eile den òran “Moch sa mhadainn is mi dùsgadh” (Hùg ò Laithill ò – ainm eadar-dhealaichte)).

Aonghas MacCoinnich: Ach bha taobhan eile cuideachd. Thug e bliadhnaichean a’ dèanamh , an ceann a’ chosnaidh mar mhaighstir-sgoile dhan a’ SSPCK, Comann Crìosdail a bha a’ toirt taic dhan riaghaltas eile, agus chaidh e an uair sin calg-dhìreach an-aghaidh sin, agus dh’fhalbh e. Cha b’ e ruith ach leum còmhla ri feachdan Thearlaich nuair a thàing iad air tìr.