Main content

Tar-sgr矛obhadh: Coinneach Mac脤omhair - Na h-Oscars

John Neil Dòmhnallach, Coinneach Mac a’ Ghobhainn, Dòmhnall Ruadh Mac a’ Ghobhainn

John Neil: A dh’innse na fìrinn, chan eil mòran suim agam, ’s mòran de dh’ùidh agam anns na h-Oscars – tha mi coma co-aca mu dheidhinn. Mar is trice chan eil e gu diofar cò tha a’ glèidheadh na duaisean – gu pearsanta chan eil buaidh aige air an tig mi ga fhaicinn no nach tig. Mar eisimpleir, mar “La La Land” an-dràsta, chan fhaca mise fhathast e ach chan e an seòrsa film aig a bheil mòran de dh’ùidh agam ann, agus ... fhios agad, bha a h-uile duine ag ràdh gur e am film a ghlèidheadh... a bha a' dol a ghlèidheadh a’ phrìomh dhuais. Ach cha bhiodh sin air diofar sam bith a dhèanamh dhomhsa; cha bhithinn... coma co-aca mu dheidhinn a’ dol ga fhaicinn.

Coinneach: ’S a Dhòmhnaill, a bheil e gu diofar ma-thà, ’eil sibh a’ smaoineachadh, g’ e bith cò tha buannachadh na h-Oscars – a dh’aindeoin na milleanan mòra a tha sin a tha a' dol a-steach? Mar a tha John Neil ag ràdh bheil, bheil a chuid as motha de dhaoine a’ gabhail but aire dha na tha nochdadh ac’?

Dòmhnall Ruadh: Tha mi smaoineachadh gu bheil gu ìre. Bha mi a’ leughadh bho chionn ghoirid rudeigin mu dheidhinn a’ bhuaidh a bh’ aca dha-rìreabh air dè thachras co-cheangailte ri film no airgead ’s mar sin air adhart, agus chan eil a’ bhuannachd, mar as trice, a tha iad a’ faighinn anns a’ bhox-office cho àrd ri sin. ’S ann tha barrachd dhen a’ bhuannachd a’ tighinn dhan an fheadhainn gu pearsanta tha cosnadh duaisean; mar eisimpleir, nuair a gheibh duine, nuair a gheibh e an cleasaiche as fheàrr no am bana-chleasaiche as fheàrr, ma chanas sinn sin, faodaidh tu bhith cinnteach gu bheil an airgead a gheibh iad airson gach film a nì iad às dèidh sin - agus an cothrom a th’ aca air taghadh a dhèanamh air dè na filmaichean a nì iad – gu bheil sin gu bhith gu math nas fàbharach dhaibh.