County "air tighinn c貌mhla"
Thuirt manaidsear Ross County gu bheil an sgioba aige "air tighinn còmhla" anns na seachdainean mu dheireadh is gu bheil iad a-nise làn misneachd.
Rinn County an gnothach air Cill Mheàrnaig 1-0 Didòmhnaich le tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho George Harmon.
Ged nach robh iad air geama lìge a bhuannachadh air falbh bhon taigh airson 15 mìosan, tha seo a' ciallachadh gu bheil na Staggies a-nise air soirbheachadh ann an trì ann an sreath air an rathad.
Tha seo air an togail chun an 9mh àite san lìog is iad a-nise 10 puingean air thoiseach air St Johnstone, a tha ann an suidheachadh gu math doirbh aig a' bhonn.
Gu dearbh, chan eil County a-nise ach dà phuing air cùl St Mirren a tha san t-siathamh àite.
"Bha cùisean gu math doirbh dhuinn air falbh bhon taigh," thuirt Don Cowie. "Bha againn ri tighinn còmhla, an luchd-obrach is na cluicheadairean, gus sin a chur ceart. Rinn sinn fìor mhath e.
"Tha e a' toirt dhuinn misneachd. Tha seachnar chluicheadairean a dhìth oirnn an-dràsta ach tha sinn air tighinn còmhla."
Tha geama mòr eile san amharc aig County a-nise is Celtic a' tighinn a dh'Inbhir Pheofharain Disathairne.
Bha gàirdeachas ga dhèanamh le nàbaidhean Chounty air an deireadh-sheachdain cuideachd is Caley Thistle a' buannachadh 2-0 aig an taigh an aghaidh Dhùn Bhreatainn.
'S e Alfie Bavidge a chuir ICT air thoiseach is e fhèin is Alfie Stiùbhart air tighinn air iasad bho Obar Dheathain gu deireadh an t-seusain.
Chuir Charlie Gilmour tadhal san dàrna leth is ICT a-nise sia puingean air thoiseach air Dùn Bhreatainn a th' aig a' bhonn.
Tha Inbhir Nis fhathast seachd puingean air cùl Annan a tha san ochdamh àite ach tha cothrom aca a' bheàrn sin a ghearradh is iad a' dol gu Annan Disathairne seo tighinn.