Aon cheum eile do SWNT
Tha dòchas sgioba nam ban aig Alba faighinn gu Farpais na Euros ann an 2025 a' crochadh air aon gheama a-nis.
Às dèidh dhaibh crìochnachadh co-ionnann an aghaidh na Fionnlainn Dihaoine anns a' chiad gheama play-off nan aghaidh, feumaidh Alba tighinn am bàrr ann an Helsinki Dimàirt airson àite aig na Euros fhaighinn.
Tha geama sam bith rud beag nas doirbhe air falbh bhon taigh, ach chan eil an Fhionnlainn ach air aon gheama a chall aig an taigh ann an còrr air dà bhliadhna.
B' e geama càirdeil a bha sin an aghaidh na h-Alba - ach an urrainn do sgioba Phedro Martínez Losa an aon rud a dhèanamh uair eile nuair tha e a' cunntadh?
Ged a tha na sgiobaidhean co-ionnan ron dàrna geama eadarra, cha tug a' chiad gheama aig Easter Road cus misneachd do chuid de luchd-taic na h-Alba.
B' e geama gu math teann a bha sin, ach le Eartha Cumings aig Alba a' sàbhaladh sàr oidhirp bho chluicheadair na Fionnlainn, Linda Sällström.
Sheall mar a dh'fheuch grunn chluicheadairean air an targaid bho astar seach bho thaobh a-staigh a' bhogsa cho seasmhach 's a bha an dà loidhne-dìon.
Feumaidh aon sgioba tighinn am bàrr oidhche Mhàirt ge-tà, fiùs mas e ùine a bharrachd no fiù 's breaban-pheanais a bhios a dhìth orra.
Chan eil Alba air call anns na naoi geamaichean mu dheireadh aca agus iad air buannachadh ann an seachd.
Ach, 's ann Dimàirt a thig dearbhadh an cunnt obair chruaidh sgioba na h-Alba, agus sin dìreach ma gheibh iad dha na Euros.
Cluichidh na sgiobaidhean anns am Bolt Arena ann an Helsinki agus faodar cùisean fhaicinn air 大象传媒 ALBA bho 1700 Dimàirt.