An Fhionnlainn: An d霉bhlan mu dheireadh aig SWNT
B' e tadhal anns na diogan mu dheireadh dhen gheama an aghaidh na Fionnlainn a mharbh dòchas na h-Albannaich faighinn gu Farpais EURO 2022.
Ach ceithir bliadhna air adhart bhon oidhche dhuilich a bha sin, tha cothrom aig Alba cùisean a chur ceart an aghaidh an dearbh dhùthaich oidhche Haoine.
Thèid sgioba Pedro Martinez Losa nan aghaidh ann an dà gheama play-off leis a' chiad fhear aig an taigh aig Easter Road agus an dàrna geama ann an Helsinki - agus gheibh an sgioba a thig am bàrr àite EURO 2025.
Bheireadh seo togail cho mòr 's a ghabhas do luchd-taic na h-Alba a tha air a bhith foighidneach ann a bhith a' feitheamh air an dùthaich aca fhaicinn aig farpais mhòr eile bho chluich iad aig Cupa na Cruinne 2019.
An urrainn dhaibh fhaighinn seachad air An Fhionnlainn?
Geamaichean dearbhaidh
Tha cluicheadair aghaidh na h-Alba agus Aston Villa, Kirsty Hanson ,ag ràdh gur e seo an sguad as treasa a chunnaic i a-riamh bho thòisich i cluich do dh'Alba.
Dh'fhaodadh i a bhith ceart - a dh'aindeoin droch iomairt ann an Lìog nan Nàiseanan an-uiridh, tha Alba gun chall anns na ochd geamaichean mu dheireadh aca.
Agus tha iad air na seachd geamaichean mu dheireadh aca a bhuannachadh ann am farpais dearbhaidh na h-Euros.
Tha seo a' fàgail dìreach an Fhionnlainn san rathad aca chun na h-Eilbheis.
An dùbhlan
Cha bhi e furasta.
Nuair a thuit na h-Albannaich sìos gu Lìog B ann an Lìog nan Nàiseanan aig deireadh 2023, ghluais an Fhionnlainn suas gu Lìog A às dèidh dhaibh a' bhuidheann aca a bhuannachadh.
Ach tha deagh fhaireachdain am measg sgioba na h-Alba an-dràsta. Tha cluichleadair Real Madrid, Caroline Weir, air tilleadh às dèidh dhi a glùin a ghoirteachadh bho chionn bliadhna.
Agus thug iad droinneadh 5-0 don Ungair thairis air dà gheama sa chuairt dearbhaidh mu dheireadh.