Kerry Nic a' Ph矛 a' gl猫idheadh tiotal Strathpuffer nam ban
Bhuannaich Kerry Nic a' Phì à Uibhist a Deas farpais aon-neach nam ban aig rèis rothaireachd Strathpuffer air an deireadh-sheachdain.
Fhuair i cuideachd duais Bhreatainn airson rèis ceithir uairean fichead.
B' e seo a' chiad uair a gabh Kerry pàirt ann an Strathpuffer.
Chaidh i timcheall a' chùrsa 17 tursan, ga fàgail anns a' chòigeamh àite uile gu lèir.
Bhuannaich Kyle Beattie à Inbhir Nis farpais aon-neach nam fear, a' dol timcheall a' chùrsa 23 tursan, is thog e duais Bhreatainn cuideachd.
B' iad Natalie Rothach agus Mark Madigan a ghlèidh farpais nam paidhear measgaichte às dèidh dhaibhsan 22 cuairtean den chùrsa a dhèanamh.
Bhuanaich Ruairidh MacRisnidh agus Seòras Gannicott farpais paidhear nam fear agus b' iad Claire Chaimbeul agus Skye Chaimbeul a bha sa chiad àite ann am farpais paidhear nam ban.
Ghlèidh sgioba Acadamaidh Inbhir Pheofharain a' chiad àite ann an rèis ochdnar, le sgioba Sgoil Bhaile nan Gòrdanach anns an dàrna àite, 's iadsan cuideachd air rèis ochdnar measgaichte a bhuannachadh.
Thòisich an Strathpuffer ann an 2006 agus bidh timcheall air 1000 neach a' gabhail pàirt anns an tachartas a-nis.
Bidh iad uile, an fheadhainn a tha ga dhèanamh leotha fhèin agus na sgiobaidhean, ag amas air an àireimh as motha de chuairtean timcheall a' chùrsa a dhèanamh taobh a-staigh 24 uairean de dh'thìde.
Bha an aimsir gu sònraichte cruaidh air farpaisich am-bliadhna, 's an teothachd a' tuiteam gu 7 fo ìre-reòthaidh tron oidhche.
Ach bha an fheadhainn a bha a' gabhail pàirt ag ràdh gun robh an gnothach a' còrdadh riutha.
Thuirt Calum MacIlleathain, a rinn an rèis airson a' chiad turais am-bliadhna, gu bheil an tachartas tarraingeach do dh'iomadh seòrsa neach.
"Cuid de dhaoine a tha air am beò-ghlacadh, cuid de dhaoine, 's toil leotha beagan rothaireachd - ach tha an rud gan toirt còmhla.
"Ged a tha sinn a' farpais an aghaidh a chèile, aig an ìre as àirde co-dhiù, tha a h-uile duine an seo airson aon adhbhair.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil a h-uile duine a' toirt cuideachaidh do chach a chèile, gu h-àraidh ma tha thu a' faighinn rudan ceàrr air do rothair", thuirt e.
Rinn Alasdair Lawton a tha a' ruith na farpais moladh mòr air a h-uile duine a ghabh pàirt am-bliadhna.
Thuirt e gu bheil e a' cosg tòrr airgid do chuid faighinn chun na sgìre agus gu bheil e den bheachd gu bheil sin air buaidh a thoirt air na h-àireamhan de dh'fharpaisich.
Ach thuirt e cuideachd gur e seo an aon tachartas de a leithid a tha a' ruith thairis air 24 uairean de thìde agus tha daoine gu mòr airson a bhith mar phàirt dheth.
Bha Kerr Gibb na bhall de sgioba de cheathrar agus thuirt e gun robh e na bu dhuilghe na bha dùil aige.
"Chan e 's gu bheil deigh no sìon ann, ach leis an t-sneachda, tha e gu math doirbh.
"Fiù 's air an rathad a bu chòir a bhith simplidh, bha a h-uile duine a' strì, oir nan robh thu a' dol am meadhan an rathaid bha thu a' call do chuibhle agus bha e gu math teicnigeach, fiù 's na pìosan a bu chòir a bhith furasta", thuirt Kerr.
Ach sin an dearbh seòrsa dubhlain a tha a' ciallachadh gu bheil fèill mhòr aig na farpaisich air an tachartas seo gach bliadhna.