Main content

Celtic a' togail Cupa L矛og na h-Alba air oidhche l脿n dr脿ma

Thàinig Celtic am bàrr ann am breaban-peanais gus Cupa Lìog na h-Alba a bhuannachadh às dèidh geama air leth aig Pàirce Hampden an aghaidh Rangers.

A dh'aindeoin trì no ceithir mearachdan bhuapa aig toiseach a' gheama, 's ann aig Rangers a bha a' chiad leth-chothrom dhen gheama às dèidh ball fada domhainn bho Seumas Tavernier.

'S e Hamza Igamane an targaid aige ach thuit am ball aig casan Ianis Hagi a las air tadhal Kasper Schmeichel. Bha esan gleusta ge-tà agus cha robh cus oidhirp a dhìth gus am ball a shàbahaladh.

Shocraich sin an geama rud beag, airson greis co-dhiù.

Mar rocaid, bhris Nicolas Kühn sìos taobh deas na pàirce, seachad air Robin Pröpper gu furasta airson oidhirp fheuchainn air tadhal Jack Butland.

Chaidh sin a shàbhaladh, mar an oidhirp aig Reo Hatate às dèidh làimh is Butland a' cumail an sgòr co-ionnann.

Le mu leth uair a thìde air a' chleoc, dh'fhàs Celtic rud beag nas cofhurtaile a-steach dhan gheama agus bha a' mhòr-chuid dhen bhall aca.

Cha do rinn iad cus leis ge-tà agus bha Rangers a' toirt sradagan de dhòchas dhan luchd-taic aca.

Chruthaich iad cothrom no dhà ach b' e mearachd Celtic a dh'adhbhraich a' chiad tadhal. Mearachd uabhasach agus cosgail.

Thug Greg Taylor am ball do Bajrami agus bhris e suas a' phàirce gun ach Schmeichel eadar e fhèin agus an tadhal agus Igamane ri a thaobh.

Thug e am ball do Igamane a dh'fheuch air an tadhal - shàbhal Schmeichel e, ach thuit am ball do Bajrami.

Bha obair shìmplidh a dhìth airesan gus an sgioba a chur air thoiseach. Agus dh'èirich luchd-taic Rangers ann an Hampden.#

Rinn Cameron Carter-Vickers sònraichte math stad a chur air ceathrar chluicheadairean Rangers is iad a' dèanamh ionnsaigh air an tadhal aig Schmeichel - faochadh do Greg Taylor às dèidh dha am ball a chall a-rithist.

Cha robh feasgar Taylor a' dol gu math ach abair gun do shàbhal e an sgioba aige.

Thàinig am ball a-steach gu bogsa Rangers bho bhreab-oisein agus bhuail Taylor am ball tro choille de chluicheadairean agus a-steach dhan tadhal. Bha an geama co-ionnann.

Bha feum aig Celtic tighinn a-mach làn lùiths gus cùisean a thionndadh mun cuairt agus rinn iad sin.

Chuir iad ris a' chiad tadhal goirid às dèidh sin nuair a chuir Maeda cuideam air loidhne dìon Rangers is e a' goid a' bhall bhuapa. Rinn e obair mhath fhaighinn air falbh bhuapa leis agus an uair sin chuir e am ball seachad air Butland.

Cha robh an geama seo seachad ge-tà le geama clasaigeach eile fo na solais aig Pàirce Hampden eadar an dà sgioba seo.

Dràma, dràma, dràma

Chluich Diomande glè mhath sa chiad leth agus bha e air leth cudromach san dàrna leth cuideachd.

Thàinig am ball a-steach gu bogsa Celtic le Igamane, shocraich Diomande am ball mus do thionndadh e a bhodhaig gu sgiobalta, a' bualadh a' bhall dhan lìon.

Bha an geama co-ionnann ach bha dà thadhal eile ri thighinn ro dheireadh ùine àbhaistich.

Bha oidhche glè mhath aig Nicolas Kühn sìos taobh dheas na pàirce agus choisinn e tadhal a-mach às na h-oidhirpean aige.

Thug e am ball gu Arne Engels air a shlighe a-steach dhan bhogsa aig Rangers, fhuair e air ais e mus do chuir e an còigeamh tadhal dhen gheama. Agus bha a h-uile coltas gun robh Celtic dol a bhuannachadh an geama 3-2.

Cha robh Rangers ag iarraidh sìon sam bith fhàgail air a' phàirce aig Hampden ge-tà.

Chùm iad orra agus le dà mhionaid air fhàgail de dh'ùine àbhaisteach, nochd Danilo sa bhogsa le suaradh glè mhath leis a cheann gus am ball a chur seachad air Schmeichel agus ùine a bharrachd a choisinn do Rangers.

Ùine a bharrachd agus breaban peanais

Bha cothroman gu leòr aig an dà sgioba ann an ùine a bharrachd le coltas rud beag nas fut air cluicheadairean Celtic.

Cha robh sìon eadar na sgiobaidhean le trì tadhail an urra nuair a choisich Ridvan Yilmaz suas dhan spot air beulaibh Schmeichel.

Agus shàbhal Schmeichel an oidhirp aige.

Chuir Hatate na Hoops 4-3 air thoiseach agus ged a chuir Butland am ball dhan lìon, sheas Maeda an àrd gus an tadhal as cudromaiche dhen oidhche a chuir. Fear a choisinn Cupa Lìog na h-Alba dhaibh airson an 22na uair nan eachdraidh.

Aon cheist a dh'fhaodadh a bhith aig luchd-taic Rangers - carson nach do sheas Cyriel Dessers an àrd airson breab-peanais a ghabhail air oidhche far an robh iad cho faisg sa ghabhas ris a' chùis a dhèanamh air na nàimhdean aca?

Co-dhiù, fhathast naoi puingean air thoiseach aig mullach na lìog, dòchas gu leòr aca fhathast mun iomairt aca ann an Lìog na h-Eòrpa agus a-nis, a' chiad chupa sa phreasa - chan eil cùisean ro dhona idir aig Celtic.

/naidheachdan/sgeulachdan/cy53wr3ed4qo