"Togail f矛or mh貌r" 'son ICT
Thuirt àrd-choidse Chaley Thistle gu bheil an cluba air fad air "togail mòr" fhaighinn às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh 2-1 air Cove Rangers aig an deireadh-sheachdain.
'S e seo a' chiad gheama a bhuannaich ICT bhon a chaidh an cluba ann an rianachd is bhon a chaidh Scott Kellacher fhèin os cionn na sgioba.
'S iad tadhail bho dhithis Leòdhasach a rinn a' chùis dhaibh le Adam MacFhionghain is Keith Bray air an targaid às dèidh do Mitch Megginson Cove a chur air thoiseach.
Bha neach-glèidhidh Musa Dibaga nas tràithe air breab-peanais a stad nuair a bha e 1-0.
Ged a tha ICT fhathast aig bonn na lìge, tha iad a-nise air gluasad bho -2 gu 1 phuing sa chlàr.
"Cha robh sinn air buannachadh ann an ùine is nuair a fhuair Cove an tadhal chaidh na cinn sìos rud beag", thuirt Kellacher.
"Fhuair iad an uair sin breab-peanais is cha robh e a' coimhead ro mhath ach rinn Musa Mòr cho math is bha mi a' faicinn gun robh misneachd a' dol tron sgioba.
"'S e tadhal air leth bho Adam a chuir sinn air sa gheama is bha sinn mar sgioba eadar-dhealaichte san dàrna leth.
"Tha mi cho toilichte dhaibh oir tha iad uile air obrachadh cho cruaidh. Tha fios againn cho mòr 's a tha an dùbhlan ach 's e togail fìor mhòr a th' ann dhuinn".
Cuiridh ICT a-nise fàilte air Alloa ann an Inbhir Nis Disathairne seo tighinn.
Tha na Wasps an-dràsta aig mullach na lìge, ged nach eil ach ceithir puingean eadar iad fhèin agus Mon Rois san t-seachdamh àite.
Thuirt Kellacher gur e geama mòr eile a bhios ann do dh'Inbhir Nis.
Tha e ag ràdh cuideachd gu bheil taic an luchd-leantainn fìor chudromach dhan sgioba.
"Thàinig iad ann an deagh àireamhan gu Cove is tha e cho math fhaicinn. Tha sinn uile a' tarraing còmhla - na cluicheadairean, an luchd-obrach is an luchd-taic, a h-uile dùine aig a' chluba.
"S e ceum air adhart a tha seo is tha fòcas againn a-nise air Disathairne an aghaidh Alloa", thuirt e.