Main content

Ionad-sp貌rs Loch Aillse a' fosgladh 脿s 霉r

Fosglaidh Ionad Spòrs Loch Aillse - a th' air a bhith dùinte cha mhòr bliadhna - a-rithist anns a' Bhliadhn' Ùir.

Tha an t-ionad, anns a bheil giom agus amar-snàimh, air a bhith dùinte bho bha teine anns an togalach anns an Fhaoilleach am-bliadhna.

Dh'fhàg seo muinntir na sgìre le astar fada ri shiubhal airson faighinn gu ionad-spòrs eile.

Chaidh airgead a chruinneachadh airson leigeil leis an ionad fosgladh a-rithist, agus chaidh dearbhadh gum fosgail an giom air an 9mh den Fhaoilleach, agus an t-amar snàimh nas fhaide den mhìos.

Bha ceist ann roimhe am b' fhiach an togalach a chàradh idir 's beachd ann gum biodh feum air àite ur co-dhiù an ceann beagan bhliadhnaichean.

Thuirt Pol Wood, a ghabhas thairis mar mhanaidsear an ionaid, gu bheil iad air an dòigh an ìre seo a ruighinn.

Thuirt e cuideachd ge-tà gum bi feum air taic na coimhearsnachd fhathast airson an goireas a chumail a' dol anns an ùine fhada.

/naidheachdan/sgeulachdan/cgqylxgd4d3o