Main content

Reasabaidh Sailead 脌isianach

Reasabaidh Sailead 脌isianach (gu le貌r airson ceathrar)

Grìtheidean:

2 churran sgrìobte gu mìn

1 phìobair dearg ciùbaichte gu mìn

2 soilire, ciùbaichte gu mìn

Cairteal de dh’uinnean dearg ciùbaichte gu mìn

Cairteal cupa de coireaman (cilantro) no pearsal (parsley) mìn sgudaichte

2 spàin mhòr sìol seasaman (sesame seeds) air an tòstadh

Dòigh:

Measgaich na grìtheidean air fad ann am bobhla.

Sgeadachadh:

2 spàin mhòr ola seasaman

1 spàin mhòr sùgh liomaid fàisgte

1 spàin mhòr mil

2 spàin bheag sabhs soy

1 spàin bheag dinnsear sgrìobte gu mìn

1 chlòbha creamh sgrìobhte gu mìn

Salainn mara (gu do bhlas fhèin)

Ma thogras sibh - cairteal cupa cnò thalmhainn (peanuts), almoin (almonds) no cnò-chaisiu (cashews)

Dòigh:

Measgaich grìtheidean an sgeadachaidh uile còmhla ann am bobhla agus dòirt am measg nan grìtheidean eile.