Cearc le Orainds agus r貌s-M脿iri
Grìtheidean:
8 sliasaidean circe
1 uinnean meadhanach mòr air a ghearradh
1 spàin mhòr ròs-Màiri (no spàin bheag ròs-Màiri tioram)
Salainn
Piobar dubh
1 unnsa ìm
2 chlobha creamh, mìn-sgudaichte
½ phinnt sùgh orainds
½ phinnt sùgh circe
2 spàin mhòr siorap (no mil)
3-4 badan ròs-Màiri
Dòigh:
Teasaich an àmhainn gu 200C / 180 Fan.
Suath an salainn, am piobar agus an ròs-Màiri air feadh na sliasaidean circe.
Leagh an t-ìm ann an soitheach mòr trom freagarrach airson a chur dhan àmhainn (bu chòir an stòbh a bhith aig teas meadhanach).
Cuir ann na sliasaidean circe agus an t-uinnean gus a bheil iad donn.
Cuir ris an creamh aig a’ mhionaid mu dheireadh
Dòirt sùgh na circe, an sùgh orainds agus an siorap air feadh na sliasaidean circe.
A-nis cur an soitheach dhan àmhainn airson mu 30-45 mionaid.
Cur ann na badan ròs-Màiri nuair a tha 5/10 mionaidean ri dhol gus a bheil e deiseil.
Ith le pasta.