Leantailean Sp矛osrach
Grìtheidean
130g rus basmati
200g leantailean dearg
1 spàin bùird ola rapeseed
1 uinnean, air a ghearradh
2 òirleach dinnsear, sgrìobte gu mìn
2 phìos creamh, air an gearradh gu mìn
2 spàin tì turmeric
2 spàin tì coireaman (coriander) air a bhleith
1 spàin tì sìol cumin
1 spàin tì fùdar tiolaidh (faodar tuilleadh ma thogras sibh)
1 liotair stoc glasraich
150g tomàtothan beaga
200g bloineagan gàrraidh (spinach)
Ola le tiolaidh agus cumin (airson a dhol còmhla ris na leantailean)
3 spàin bhùird ola rapeseed
2 spàin bhùird sìol cumin
1 tiolaidh dhearg, air a ghearradh gu mìn (na thogras sibh den t-sìol fhàgail ann a-rèir cho teth ‘sa tha sibh ag iarraidh)
Dòigh:
Cuir na leantailean ann an sìoltachan, dòirt uisge fuar orra agus fàg gu aon taobh.
Cuir an t-uinnean, an ola agus rud beag salainn ann am pana agus fraighig airson 10 mionaidean gus am bi dàth òir air.
Cuir an dinnsear, an creamh agus na spìosraidhean ann agus còcairich airson mionaid.
Cuir an rus, na leantailean agus an stoc ann an uair sin agus fàg airson mu leth-uair a thìde aig teas meadhanach. Cuir timcheall e an-dràsta ‘s a-rithist gus am bi na leantailean bruich.
Cuir ris na tomàtothan agus còcairich airson 5-10 mionaidean agus an uairsin cuir ann na bloineagan gàrraidh – cha toir seo ach mionaid bheag a’ bruich.
Ma tha e rud beag tioram, faodar tuilleadh stoc a chuir ann (tha e a-rèir dè na thig às na tomàtothan).
Airson an ola le tiolaidh agus cumin, teasaich a h-uile càil ann am pana beag airson mu mhionaid. Cuir na leantailean spìosrach ann am bobhla agus dòirt rud beag den ola air uachdar.
Faodaidh sibh an ithe le flatbread sam bith leithid naan, roti, chapatti etc.