C猫ic Se貌claid le Amaretto
Grìtheidean:
100g/3 1/2 unnsa seòclaid dorcha air a ghearradh na phìosan curs
100g/3 1/2oz ìm
4 uighean mòra
4 1/2 unnsa siùcar castoir
2 1/2 unnsa almoin pronn
2 spàin mhòr fùdar còco agus 1 spàin bheag còco airson dustadh
3 spàinean mòra liciùr amaretto
Dòigh:
Teasaich an àmhainn gu 180C / 160Fan / Gas4.
Smeur tiona cèic meud 20cm/8" le ìm.
Leagh an seòclaid agus an t-ìm còmhla ann am bobhla air uachdar pana de dh’uisge teth.
Cuir gu aon taobh airson fuarachadh rud beag.
Cleachd sguabag airson na h-uighean agus an siùcar a mheasgachadh gus a bheil iad tiugh.
Cuir an còco ann an inneal-measgachaidh còmhla ris na h-almoin pronn. Cùm an t-inneal measgachaidh aig ìre ìosal agus cur ris na h-uighean, spàin mhòr às dèidh spàin mhòr.
Cuir an liciùr a-nis còmhla ris an teòclaid agus an t-im.
Dòirt a-steach dhan mheasgachadh eile agus cùm a’ dol leis an sguabaig a’ dèanamh cinnteach gu bheil na grìtheidean air fad air an deagh mheasgachadh.
Dòirt gu lèir dhan tiona agus cur dhan àmhainn airson 20/25 mionaid.
Chì thu sgàinidhean air a’ mhullach ag innse gu bheil e deiseil.
Cuir a’ chèic air treidhe uèir agus còmhdaich e le tubhailt.
Fàg airson fuarachadh.
Dust am mullach le fùdar còco.
Ith le uachdar air a bhualadh, agus tuilleadh liciùr amaretto.